NEW: Vacancies | Mon – Fri 10–5 | 01859 520 258

Sùil air Ais an Ath Mhòr (pàirt 1)

Sùil air Ais an Ath Mhòr (pàirt 1)

le Ciorstaidh NicIlleathain (ni’n Nèill Alasdair Uilleim)

’S e pàirt dhen tac aig Orasaigh a bh’ anns an Ath Mhòir. Bha e aig grunn dhaoine uaireigin. Nuair a ghabhadh thairis e mar phàirt dhen tac, chaidh mòran dhe na daoine fhuadach. Chaidh an t-àite fo chaoraich.

Chaidh an Ath Mhòr a bhristeadh suas na chroitean ann an 1924. Fhuair m’ athair croit aig an àm. Rugadh e an Cnoc Cuidhein. Bha athair ’s a mhàthair poile an sin. Bha fearann aca ann a shin. ’S ann a Bhàlacuidh a dh’fhalbh iad, agus tha mi creidsinn gun deach iad ann ri linn a bhith ag obair aig Fear Bhoighreigh, aig an robh Cnoc Cuidhein. ’S ann far na h-Ath Mòire a bha mo mhàthair – Màiri Phàdraig Dhùghlaich. Rugadh mise air an Ath Mhòir.

Cha robh air an Ath Mhòr rim chiad chuimhne-sa ach trì taighean – taigh Ruairidh Dhòmhnallaich, taigh m’ athar agus taigh piuthar mo mhàthar shìos aig an rathad mhòr far a bheil an salann ga chòpadh an-diugh. Chan eil cuimhne ro mhath againn air na teaghlaichean a bha seo mus do bhristeadh suas am fearann. Chan eil cuimhne agamsa ach air aon tobhta air beulaibh taigh Alasdair - gur e tobhta Màiri Alasdair Fhrangaich a chante rithe. Tha tobhta eile shuas faisg air far a bheil taigh John-Norman an-diugh – ’s e tobhta Dhòmhnaill Darach a bh’ ann.

Bha mise a' dol do Sgoil Thrumaisgearraidh sa Chlachan. Bha an sgoil pìos math bhuainn. Dh’fheumamaid coiseachd ann is às. Bhitheamaid a' coiseachd casruisgt’ innte bhon Chèitean gu fosgladh an sgoil a-rithist san t-Sultain. An uair sin bha sinn a’ faighinn bhrògan mòra tacaideach – ’s iad a bha trom. Tha deagh chuimhn’ agam air na sgoilearan a bha san sgoil còmhla rium. Bha Seonaidh Ailig MacFhionghain, Ruairidh Bàn is Eòghainn, Seòras is Tormod is John-Norman – clann Ruairidh Iain Thàilleir, clann Dhùghaill. Bha miseanaraidh san àite aig am àm – fear Robasdan - agus bha còignear chloinne aige a' dol dhan sgoil còmhla riumsa. Bha clann Thormoid ‘IcAsgaill ann, bha Kate Margaret ann. Bha clann Fhionnlaigh Eòghainn ann. Bha Tormod Dhòmhnaill Iain Thàilleir ann greiseag mun do dh’fhàg mise. Bha clann Neillidh ‘IcAsgaill ann, clann Aonghais Ghilleasbaig agus clann Aonghais Iain. Bha tòrr a’ dol dhan sgoil aig an àm.

The cuimhne agam air na tidsearan a bh’ againn. Tè Miss MacDonald a bh’ againn nuair a thòisich mi san sgoil. Bha tè Miss Forbes againn agus Mrs Boyd agus tè Miss MacDonald. Bha togalach mhath ann. Bha sinn a’ faighinn cunntais, eachdraidh, geometry, algebra, deachdadh agus sgrìobhadh cunntas air cuspair. Bhitheamaid a’ faighinn còcaireachd. Bhitheamaid cuideachd a’ cliuch gheamannan a-muigh – geamannan mar ‘The Farmer Wants a Wife’, ball-coise, rounders agus speilean.

Tagaichean

GD