Your cart is currently empty!
Stèidhichte anns an Taobh Tuath anns na Hearadh, ‘s e ionad-tadhail agus goireas sloinntearachd a th’ ann an Hebrides People. Faigh a-mach mu eachdraidh mhuinntir Innse Gall air-loidhne!
Cò Leis Thu?
From whom do you come?
Seo mar a thathar a’ faighneachd anns na h-eileanan cò th’ annad agus cò às a bheil thu. ‘S dòcha gum freagradh cuideigin... “Beathag Ceit Aonghais Beathaig”.
Tha sin a’ ciallachadh “Beathag, an nighean aig Ceit, a bu nighean do Aonghas, a bu mhac do Beathag”. Gabhaidh a chleachdadh airson cuideigin aithneachadh le deagh chinnt.
‘S e sloinneadh a ghabhas sinn air an seo, agus tha e air a bhith air a chleachdadh thar iomadach linn.
Rannsaich Stòras Hiort
Gabhaidh seo a rannsachadh an asgaidh air sgàth taic bhon Mhaoin-Dualchais
Tadhail Oirnn
Ma tha sibh airson barrachd fhaighinn a-mach mu dheidhinn eachdraidh na Hearadh agus muinntir nan Eilean Siar, thig a choimhead oirnn aig Ionad-tadhail Hebrides People anns an Taobh Tuath.
Tha taisbeanaidhean againn air diofar chuspairean, bùth leabhraichean le deagh thaghadh, agus chan eil cupa teatha no cofaidh fad às! Tha sinn fosgailte bho Dhiluain gu Dihaoine bho 10m gu 5f.
Lorg Do Theaghlaich
Ma tha thu a’ coimhead airson fiosrachadh mu dheidhinn càirdean bho na h-Eileanan Siar, gheibh thu taic bhuainne. Tha stòr-dàta againn le còrr is 100,000 mìle clàr a ghabhas a rannsachadh air-loidhne.
Tha sinn cuideachd a’ tabhann seirbhis sloinntearachd, far an cuidich sinn eachdraidh do theaghlaich a lorg agus craobh-teaghlaich a chruthachadh dhuit.
Discover our Croft Histories
Our detailed histories of island townships and crofts will bring your research to life.
Rannsaich am bùth
We have an extensive range of books related to the Western Isles as well as Gift Certificates. You can also buy credits to use in your searches!
Eachdraidh Ghoirid de dh'Eilthireachd às na h-Eileanan Siar
Tha na h-Eileanan Siar am measg feadhainn de na h-àiteachan as brèagha ann an Alba, ach air sàilleabh buaidhean na h-aimsir, na h-àrainneachd agus cuideachd air sàilleabh droch-làimhseachadh bho dhaoine ann an cumhachd, bha beatha chruaidh gu math tric aig muinntir nan eilean, agus thar na linntean tha na mìltean de dhaoine air na h-eileanan fhàgail airson beatha nas fheàrr a lorg.