Le beul-aithris tha fiosrachadh agad bho eachdraidh-teaghlaich, òrain, sgeulachdan, agus tha e cuideachd a’ cumail lorg air càirdeas.
Tha na clàran sgrìobhte fada gun tòiseachadh anns na h-eileanan, ach bha beul-aithris a-riamh làidir, air a ghleidheadh ann an Gàidhlig, cànan nan daoine fhathast, agus tha am fiosrachadh tòrr nas cinntich na clàran air an gleidheadh anns a’ Bheurla.
Nuair a bha Bill Lawson a’ tighinn dhan na h-Eileanan an toiseach, anns na 1960n, ghabh e ùidh anns na bha de bheul-aithris aig na seann daoine – cha b’ e idir sgeulachdan na Fèinne agus nan cinnidhean a-mhàin, ged a bha fios orrasan cuideachd, ach eachdraidh nan teaghlaichean aca fhèin agus teaghlaichean an nàbaidhean agus an càirdean.
An cois na bha de dh’fhiosrachadh aca air eachdraidh, bha iad ri cleachdadh sloinneadh – a bhith ag ainmeachadh duine as dèidh athair agus a sheanair, agus mar sin air ais. Bha a’ chuid mhòr comasach air innse dhut ceithir ginealaich, agus tric gu math na b’ fhaide air ais. Ma tha ainm ri ’g innse dhut cò tha ann an duine, chan eil mòran feum ann a bhith ag ràdh gur e MacLeòid a tha annad, nuair a tha dà fhichead ’s a cheud leis an aon chinneadh, ach tha an sloinneadh Iain Aonghais ’ic Fhionnlaigh ag innse dhut cò tha agad.
Ma bhàsaich duine ro 1855 chan eil clàradh oifigeil ann airson pàrantan duine, ach bheir sloinneadh dhut ginealach no dha nas fhaide air ais, gu h-àraid air taobh na fir. Tha beul-aithris dèidheil air a bhith cumail suas càirdeas, le aithne mhath air a’ chàirdeas, agus ged a tha càirdeas ri dol a-mach gu oghaichean no iar-oghaichean, tha seo ri toirt dhuinn fiosrachadh mionaideach air eachdraidh teaghlaich.
Tha beul-aithris a-nis aithnichte mar stòras luachmhor, agus anns a’ bhliadhna 2000 thug Buidheann Sloinntearachd na h-Alba ballrachd urramach do Bhill Lawson airson an obair aige airson an cruinneachadh a rinn e anns na h-Eileanan an Iar.
Ionnsaich Tuilleadh
Ainmean nan Eilean Siar
Sloinntearachd nan Eilean Siar
Seirbhis Sloinntearachd ‘Cò Leis Thu?’
A' Toirt Òrdugh Air Ainmean

Rannsaich stòras Hiort an asgaidh
Tha toraidhean an stòr-dàta airson Hiort air fad an asgaidh, le taing dhan a’ Mhaoin-Dualchais. Thoir sùil air tasglann Hiort airson faicinn mar a tha an stòr-dàta ag obair!


