Rannsaich an Stòr-dàta

Mar a tha e ag obrachadh

Airson do shinnsear a lorg anns an stòr-dàta, feumaidh tu ainm agus ceann-bliadhna faigseach airson breith, pòsadh no bàs, fhad ‘s a tha na cinn-bliadhna sin ro 1920. Chan eil innteartan nas ùra na 1920 anns an stòr-dàta againn

Airson an stòr-dàta a sgrùdadh, feumaidh tu cunntas a chruthachadh (no logadh a-steach do chunntas a chruthaich thu mu-thràth).

Tha gach innteart anns an stòr-dàta a’ sealltainn fiosrachadh airson aon phearsa, agus gabhaidh innteart gach pearsa fhaicinn airson 5 creideasan. Thèid agad air creideasan a cheannach an seo.

A bharrachd air sin, gabhaidh clàr-teaghlaich gach teaghlach (ann an làmh-sgrìobhadh Bill Lawson) a luchdadh a-nuas airson 10 creideasan, agus gabhaidh nòtaichean mun teaghlach a luchdadh a-nuas airson 5 creideasan.

Rannsaich stòras Hiort an asgaidh

Tha toraidhean an stòr-dàta airson Hiort air fad an asgaidh, le taing dhan a’ Mhaoin-Dualchais. Thoir sùil air tasglann Hiort airson faicinn mar a tha an stòr-dàta ag obair!

Ionnsaich Tuilleadh

On social…

Find Us

Contact Us

Hebrides People Visitor Centre
An Taobh Tuath (Northton), Isle of Harris HS3 3JA

///driftwood.ample.frail

01859 520258

info@hebridespeople.com

Our funders

GD
Skip to content