Sùil air Ais air Tolastadh (pàirt 1)

Grassy rock stack above a sandy beach and cliffs at Geiradha, Tolsta

le Seonaid Mhurchaidh, banntrach Ruairidh Mhochain

Làithean-sgoile

Bha dà thidsear againn, tè air an robh Màiri Sine Nic A’ Ghobhainn à Tolm, agus Magaidh Màiri NicLeòid. ’S ann à Ùig a bha am maighstir-sgoile, fear Mac ’Ill Leathainn. Bha tidsear againn às an Rubha – bha i pòsta aig Ailean Camshron. Cha bhruidhneadh iad Gàidhlig ruinn agus cha robh Beurla againne air a chaidh sinn dhan a sgoil ann. Bha na tidsearan glè mhath ach bha am belt ann airson a rud bu lugha ach chan fhaodadh tu innse aig an taigh! Bha tidsearan anns a bhaile sa ach ’s ann air falbh às a seo a bha iad ri teagaisg.

Bha busaichean anns a’ bhaile, fear aig Forty, bha bus aig Logan agus aig Aonghas Uilleim Nèill agus Cromarty. Cha b’ e busaichean a bha dhìth oirnn ach airgead airson a dhol a Steòrnabhagh. Bha dà bhùth air an t-Sràid Ur agus bha bùth aig Oifis a’ Phuist. Bha goireasan gu leòr againn. Chan eil ann an diugh ach Oifis a’ Phuist. Thòisich a Lipton agus an Co-op a’ tighinn. Bha taigh saillidh aca ann a seo le seanair Ailean Camshron, fear ris an càineadh iad Dòmhnall Ruaraidh. ’S ann aca a bha a bhùth agus a h-uile càil ann a linn mo sheanmhair.

Bha sinn a dol dhan a mhòine còmhla ri mo mhàthair dha cuideachadh as-dèidh an sgoil agus a’ buain feur dha na beathaichean a bha gus sracadh! Bha àirighean againn eadar seo agus Muirneag - Loch Iondagro, Loch Sgeireach agus Cnoc Shanndabhat. Bhiodh sinn fhìn ri dol a-mach a sin leis a’ chrodh. Bha sinn a’ dol a-mach às an seo leotha agus ri dol dhan iarraidh air an oidhche. Cha robh iad ri fuireach air an àirigh anns a latha againne ach tha cuimhn’ agam orra ri tighinn air ais leis a’ ghruth agus leis a’ bhàrr. Bhiodh iad ri dèanamh an t-ìm aig an taigh. Bha caoraich aig a h-uile duine agus crodh – aig a chuid mhòr aig an robh talamh. Bha eich aig feadhainn. ’S e talamh rèisg a tha againn a seo ach tha talamhaichean math ann cuideachd. Tha pìos machair aig a h-uile duine. Tha cuimhn’ agam a bhith dol chun a’ mhachair còmhla ri mo mhàthair, shìos far a bheil an cladh.

Bha sinn ri cuir a “lot” le spaid, buntàta agus sìol, eòrna agus coirc. Tha cuimhn’ agam air a bha sinn òg a bhith toirt a-steach a’ choirc. Bhiodh na diasan ri dol troimh chùl d’ amhach - bha e cho gathach. Bha muilinn ann an Griais agus bhithinn ri cluinntinn mo sheanair a bhith dol dhan a’ mhuilinn. Bhithinn a cluinntinn aig màthair Dhòmhnaill, Ciorstag Eòghainn – ’s e mi fhìn agus i fhèin clann an dà phiuthar. Bhithinn a cluinntinn aic’ gu robh uncle Aonghas aig a màthar, bràthar a seanmhair - ’s ann a seòladh a bhiodh e, chaidh e dhan a’ mhuilinn agus bha molannan mòr air agus air a chuir e sìos osan a’ bhriogais mas biodh min ann na càil, ’s ann a tuirt tè na muilne ris, “Cha do chrath thu do mholannan!” ’S ann a thuirt e rithe, “Na ’m biodh fhios agadsa de tha anns an t-acras cha leigeadh tu càil a dhìth!” Bha esan air soitheach, air falbh mìosan, tha mi creids’, gun bhiadh.

          

On social…

Find Us

Contact Us

Hebrides People Visitor Centre
An Taobh Tuath (Northton), Isle of Harris HS3 3JA

///driftwood.ample.frail

01859 520258

info@hebridespeople.com

Our funders

National Lottery Heritage Fund
COSLA
Comhairle nan Eilean Siar
UK Government
Our Islands Our Deal
Highlands and Islands Enterprise
Scottish Government
National Lottery Heritage Fund
COSLA
Comhairle nan Eilean Siar
UK Government
Our Islands Our Deal
Highlands and Islands Enterprise
Scottish Government