Stòras Hiort

Mu Dheidhinn Stòras Hiort

Tha sinn toilichte earrann gu sònraichte mu dheidhinn Hiort a chuir an cèill air an làrach-lìn, a tha a’ tabhann cruinneachadh farsaing de dh’fhiosrachadh mu eachdraidh Hiort, air a thoirt thugaibh le taic-airgid bhon Mhaoin-Dualchais. ‘S e Hiort an aon làrach anns an Rìoghachd Aonaichte le inbhe dùbailteach Dualchas na Cruinne bho UNESCO, aon de 39 àiteachan dhen t-seòrsa san t-saoghal

‘S e innis-mhuir 50 mìle an iar air tìr-mòr na Hearadh a tha ann an Hiort. Bha daoine a’ fuireach san eilean airson còrr is 2,000 bliadhna, gus an deach na 36 eileanaich mu dheireadh a thoirt dheth ann an 1930.

‘S urrain dhuinn a-nis, air sgàth taic bhon Mhaoin-Dualchais, craobhan-teaghlaich làmh-sgrìobhte a thaisbeanadh airson gach teaghlach a bha ann an Hiort, stèidhichte air rannsachadh a rinn Bill Lawson thar bhliadhnachan. Tha iad rim faotainn an-asgaidh fo cheadachas Creative Commons tron stòr-dàta againn air loidhne.

A bharrachd air na craobhan-teaghlaich seo, tha an stòras air-loidhne againn a’ tabhann beartas de ghoireasan air Hiort a leigeas leibh barrachd a thuigsinn mu eachdraidh an eilein.

Tha an gailearaidh a’ sealltainn cruinneachadh de dhealbhan a thog Bill Lawson, a’ toirt cothrom beagan de bhòidhchead an eilein fhaicinn dhuibh fhèin.

Gailearaidh de dhealbhan bho Hiort

Tha an obair seo fo cheadachas Creative Commons Attribution 4.0 International.

On social…

Find Us

Contact Us

Hebrides People Visitor Centre
An Taobh Tuath (Northton), Isle of Harris HS3 3JA

///driftwood.ample.frail

01859 520258

info@hebridespeople.com

Our funders

Heritage Fund_Acknowledgement_Stamp_Scottish Gaelic_Teal
COSLA-Logo
comhairle-nan_eilean_siar-logo
uk_gov_logo
our_islands
hie-logo
scotgov-logo
Heritage Fund_Acknowledgement_Stamp_Scottish Gaelic_Teal
COSLA-Logo
comhairle-nan_eilean_siar-logo
uk_gov_logo
our_islands
hie-logo
scotgov-logo
Skip to content