Toiseach Tòiseachaidh

An uair a tha thu a’ tòiseachadh ri rannsachadh do theaghlach fhèin, ’s e an duilgheadas as motha càit’ an tòisich thu, agus ’s e am freagairt tòiseachadh le d’ fhiosrachadh fhèin!

Bruidhinn ri do chàirdean agus cruthaich craobh-teaghlaich. Bu chòir dhut feuchainn ris an teaghlach a thoirt air ais gu toiseach an fhicheadamh linn, nuair a tha e comasach dhut coimhead ri na clàran oifigeil. Ma tha fios agad càit an robh do shinnsearachd a’ fuireach, seall ri na cunntasan-sluaigh, agus gheibh thu iad bho 1841 gu 1921.

Ma tha fios agad cuin a bha tachartas ann a bhuineas dha do theaghlach, tha e comasach dhut sealltainn ri leth-bhreac de na clàran air an eadar-lìon a’ dol air ais gu 1855 aig ScotlandsPeople, làrach-lìn oifigeil Riaghaltas na h-Alba airson clàran agus tasglainn.

Ro 1855, ’s dòcha gum faigh thu fiosrachadh anns na Seann Chlàran Eaglais, no OPR (Old Parochial Registers), no ann an clàran na h-Eaglaise Chaitligich. Anns na h-Eileanan Siar bha iad fada gun tòiseachadh a’ clàradh, agus an uair a thòisich iad bha tòrr thachartasan nach deach a chlàradh idir.

Faodaidh tu beul aithris a chleachdadh, ann an riochd sgeulachdan anns an teaghlach agad, agus cuideachd ainmean teaghlaich, airson dearbhadh, no cuir an aghaidh, cuid de na tha anns na clàran. Tha am fiosrachadh air an làrach-lìn seo air a chur ri chèile bho rannsachadh a tha Bill Lawson air a bhith a’ dèanamh cha mhòr fad a bheatha.

Stòr-dàta air-loidhne

Seirbhis sloinntearachd

Tha toraidhean an stòr-dàta airson Hiort air fad an asgaidh, le taing dhan a’ Mhaoin-Dualchais. Thoir sùil air tasglann Hiort airson faicinn mar a tha an stòr-dàta ag obair!

Ionnsaich Tuilleadh

On social…

Find Us

Contact Us

Hebrides People Visitor Centre
An Taobh Tuath (Northton), Isle of Harris HS3 3JA

///driftwood.ample.frail

01859 520258

info@hebridespeople.com

Our funders

National Lottery Heritage Fund
COSLA
Comhairle nan Eilean Siar
UK Government
Our Islands Our Deal
Highlands and Islands Enterprise
Scottish Government
National Lottery Heritage Fund
COSLA
Comhairle nan Eilean Siar
UK Government
Our Islands Our Deal
Highlands and Islands Enterprise
Scottish Government