

Aon de na trioblaidean as motha a tha againn ann a bhith rannsachadh teaghlaichean anns na h-Eileanan Siar ’s e cho gann agus cho truagh ‘s a tha am fiosrachadh sgrìobhte a tha againn.
Tha na cunntasan-sluaigh air an cumail a h-uile deich bliadhna, a’ tòiseachadh ann an 1841, ach chan eil am fiosrachadh a tha annta cho ceart agus bu mhiann leinn, gu h-àraid anns a’ chiad fheadhainn. Tha clàradh sìobhalta ri tòiseachadh ann an 1855 le bhith clàradh breith dhaoine, na pòsaidhean agus na bàis, ach tha gu leòr a dhìth aig an toiseach. Cho fada air adhart ri 1897, ann am Barabhas ann an Leòdhas, tha aon bhliadhna ann far nach deach clàradh mòran sam bith, agus anns gach sgìre tha cuid den fhiosrachadh gu math ceàrr, gu h-àraid airson nan sloinnidhean a bha air boireannaich mus do phòs iad.
Tha seann chlàran eaglais ann airson a’ chuid mhòr de sgìrean, ach a-rithist chan eil tòrr aca cho math agus bu chòir dhaibh a bhith. Tha an fheadhainn airson Barabhas agus Steòrnabhagh ann an Leòdhas ri tòiseachadh tràth san naoidheamh linn deug, le dhà no trì nas tràithe na sin, agus tha am fiosrachadh annta math. Ann an sgìre Ùig tha na clàran ri tòiseachadh timcheall air 1820 agus tha iad air an cumail math an toiseach, ach tha am fiosrachadh ri dol nas miosa mar a tha na bliadhnaichean ri dol seachad. Tha clàran sgìre nan Loch ann an Leòdhas ri tòiseachadh timcheall air an aon àm, ach chan eil am fiosrachadh math aig àm sam bith, fiù anns a’ phàirt anns an robh a’ mhòr shluagh, agus airson Càrlabhagh agus Sìaboist, a bha nam pàirt den pharaiste suas gu meadhan an naoidheamh linn deug, bha am fiosrachadh truagh.
Anns na Hearadh tha an clàradh ri tòiseachadh timcheall air 1820, ach às dèidh bliadhna no dhà chan eil iad a’ clàradh ach na daoine a tha fuireach faisg air mansa na h-eaglais, agus na marsantaich agus na tuathanaich, agus ged is e croitearan bu mhotha a bha fuireach anns an eilean, chan eil guth orrasan. Ann an Uibhist a Tuath chan eil càil againn ach airson na sgìre timcheall air eaglais Chille Mhoire, is chan eil càil ann airson Càirinis is Trumaisgearraidh, agus ’s ann an sin a bha leth an t-sluaigh a’ fuireach. ’S e Caitligich a bha ann am Barraigh agus an Uibhist a Deas, agus ’s e glè bheag de Phròstanaich a bha fuireach anns na h-eileanan sin agus ’s e glè bheag a tha anns na clàran air an son, ged a tha na clàran Caitligeach air an deagh chlàradh.
Ionnsaich Tuilleadh
Ainmean nan Eilean Siar
Seirbhis Sloinntearachd ‘Cò Leis Thu?’
Beul-Aithris
A' Toirt Òrdugh Air Ainmean

Rannsaich stòras Hiort an asgaidh
Tha toraidhean an stòr-dàta airson Hiort air fad an asgaidh, le taing dhan a’ Mhaoin-Dualchais. Thoir sùil air tasglann Hiort airson faicinn mar a tha an stòr-dàta ag obair!



