Tha an ionad-tadhail agus a’ bhùth fosgailte bho 10m gu 5f Diluain gu Dihaoine.
Tha na taisbeanaidhean againn ag innse eachdraidh agus sgeulachdan na daoine agus cruth-tìre nan Eilean Siar, a’ toirt a-steach geòlas, a’ chiad daoine, muinntir Hiort, agus eilthireachd bho na h-eileanan.
‘S urrainn dhuit sgeulachd mu bhailtean agus dhaoine àraid air an duileag-lìn Sgeulachdan, agus air an duilleag Goireasan gheibh thu lorg air stuthan-ionnsachaidh, dealbhan agus clàran-fuaim bho na h-Eileanan Siar, agus clàran-teaghlaich airson muinntir Hiort.
Tha taghadh fharsaing de leabhraichean ri lorg anns a bhùth againn, a’ gabhail a-steach ficsean, eachdraidh ionadail, eachdraidh a’ Ghàidhealtachd, msaa.
Cuideachd rin lorg anns am bùth Hebrides People tha stuthan Clò Hearach, siabainn bhon eilean, cairtean-puist, taghadh de theatha bho Tiree Tea, seudraidh cloiche bho Gneiss Things, agus barrachd.
Amannan Fosglaidh
Tha sinn fosgailte bho 10m gu 5f Diluain gu Dihaoine
Cìsean-Inntrigidh an Taisbeanaidh
£3.00 (£2.50)
Prìsean nas ìsle airson buidhnean mòra
Ionad Tadhail Hebrides People
An Taobh Tuath
Na Hearadh
HS3 3JA
Fòn: 01859 520258
Post-d: info@hebridespeople.com