Goireasan

Eachdraidh Ghoirid de dh'Eilthireachd às na h-Eileanan Siar
Tha na h-Eileanan Siar am measg feadhainn de na h-àiteachan as brèagha ann an Alba, ach air sàilleabh buaidhean na h-aimsir, na h-àrainneachd agus cuideachd air sàilleabh droch-làimhseachadh bho dhaoine ann an cumhachd, bha beatha chruaidh gu math tric aig muinntir nan eilean, agus thar na linntean tha na mìltean de dhaoine air na h-eileanan fhàgail airson beatha nas fheàrr a lorg.
Read more: A Short History of Emigration from the Western Isles
Eachdraidh Ghoirid Dhealbhaichte de Rubh’ an Teampaill, an Taobh Tuath
‘S ann mu thimcheall chladaichean Rubh’ an Teampaill anns an Taobh Tuath a tha ri lorg fear de na h-àiteachan as tràithe san robh daoine a’ fuireach anns na h-eileanan. Ann an 2001, lorg àrc-eòlaichean sligean chnothan-challtainn loisgte fon talamh bho 7,000 bliadhna RC, a’ ciallachadh gun robh daoine a’ ròstadh chnothan ann bho chionn còrr is 9,000 bliadhna!
Read more: A Short Illustrated History of Rubh’ an Teampaill, Northton







