Your cart is currently empty!

Tha na h-Eileanan Siar am measg feadhainn de na h-àiteachan as brèagha ann an Alba, ach air sàilleabh buaidhean na h-aimsir, na h-àrainneachd agus cuideachd air sàilleabh droch-làimhseachadh bho dhaoine ann an cumhachd, bha beatha chruaidh gu math tric aig muinntir nan eilean, agus thar na linntean tha na mìltean de dhaoine air na h-eileanan fhàgail airson beatha nas fheàrr a lorg.
Anns na 1700an chaidh a’ chiad eilthireachd air a bheil fhios againn às na h-Eileanan Siar a chuir air dòigh, gu Aimeireaga Bhreatannach mar a bha air an uairsin, gu dà àite gu sònraichte: Carolina gu deas, agus New York ‘s Pennsylvania gu tuath.
A’ chiad eilthirich às a’ Ghàidhealtachd air a bheil fhios againn b’ iad na daoine a dh’fhalbh as dèidh ar-a-mach nan Seumasach ann an 1745. Ron àm sin bha ceangal làidir air a bhith ann eadar daoine a bha a’ fuireach ann an àite agus an ceann-cinnidh a bha a’ riaghladh, agus bha an siostam seo a’ toirt beagan sàbhailteachd do na daoine, oir bha cumhachd a’ cheann-cinnidh an urra ri neart an t-sluaigh.
Ach as dèidh Bhlàir Chùil Lodair ann an 1746 chaidh siostam nan cinnidhean a bhriseadh le riaghaltas Bhreatainn, agus bhrist seo an ceangal eadar na Gàidheil agus an talamh air an robh iad a’ fuireach. Thòisich na h-uachdarain air coimhead ris na daoine a bha air an talamh aca mar dhòigh air airgead a dhèanamh, seach a bhith gam faicinn mar phàirt de choimhearsnachd.
B’ iad na fir-taic a’ chiad fheadhainn a dh’fhairich buaidh an t-siostaim ùr seo, agus cha b’ urrainn dhaibh na màil àrda a phàigheadh. Dh’fhàg iomadach fear-taic agus an cuid teaghlaichean agus luchd-leanmhainneach na h-Eileanan Siar timcheall air na 1770an, agus dh’fhalbh tòrr dhiubh gu Carolina; b’ e Dòmhnall Caimbeul à Scalpaigh fear dhiubh, ach bha iomadach fear eile ann.
Aig an aon àm bha eilthireachd eile a’ tachairt na b’ fhaide gu tuath. B’ ann à Leòdhas a thàinig a’ mhòr-chuid dhiubh, agus cha b’ e fir-taic a bh’ annta ach marsantan aig an robh an deagh-chuid airgid. Stèidhich gnìomhachas na ceilpe ceangal eadar bailtean mar Steòrnabhagh, Grianaig agus Liverpool, agus cheangail gnìomhachas an tombaca na puirt seo ri Aimeireaga, ‘s mar sin bhiodh na marsantan a’ gluasad eadar na h-àiteachan seo.
Am measg nam marsantan bha fear à Steòrnabhagh d’ am b’ ainm Iain MacIomhair (John MacIver), air an robh am far-ainm “Ready Money”, a stèidhich gnìomhachas ann am baile-mòr New York. Bha mac-peathar aige d’ am b’ ainm Alasdair MacChoinnich (Alexander MacKenzie), a chaidh a Chanada agus a thàinig gu bhith na thaisgealaiche ainmeil còmhla ris an North West Company.

A thuilleadh air nam marsantan seo, dh’fhalbh cuideachd sluagh mòr de theaghlaichean a bha ann am bochdainn anns na 1770an agus na 1780an. B’ fheudar dhaibh eilthireachd a dhèanamh gu ìre air sgàth rudan a bha a’ tachairt fada bho chladaichean nan Eilean Siar, sia cheud mìle gu an iar-thuath, ann an Sgìre a Deas Innis-Tìle, far a bheil trì bholcànothan ainmeil – Katla, Hekla agus Laki. Spreadh na trì bholcànothan seo aig diofar amannan anns na 1700an, aig deireadh àm nuair a dh’fhàs an t-sìde gu math nas fhuaire mu thimcheall ceann a tuath a’ Chuain Siar ris an canar Linn Beag na Deighe.
Spreadh Katla ann an 1755, agus thuit tòrr duslach dubh air uachdar Sealltainn. Ann an 1766, thòisich Hekla air spreadhadh, agus chum an spreadhadh a’ dol airson dà bhliadhna! Bha buaidh mhòr aige seo air gnàth-shìde ceann iar-thuath na h-Eòrpa. Chaidh ‘Bliadhna an t-Sneachda Dhuibh’ a thoirt air a’ bhliadhna 1766, agus bha an dà gheamhradh a lean sin gu math fuar cuideachd. Bha droch-fhoghar agus gortas san tìr ann an 1766, agus lean droch-fhogharan eile ann an 1769 agus ann an 1771. Chaidh ‘Bliadhna an Earraich Dhuibh’ a thoirt air a’ bhliadhna 1771.
Spreadh Laki ann an 1782, agus ged nach robh an spreadhadh fhèin cho mòr ris na dhà a thàinig roimhe, sgaoil e fada a bharrachd gas dhan àile, agus dh’fhaodadh gun tug sin buaidh nas làidire air aimsir na h-Eòrpa. Dh’fhàillig am foghar a’ bhliadhna sin air feadh na h-Alba, agus bha gortas air feadh na tìre fad a’ gheamhraidh. Chaidh ‘Bliadhna na Peasracha Bàine’ a thoirt air a’ bhliadhna sin, as dèidh na peasraichean a dh’fheumadh a thoirt a-steach dhan dùthaich às an Òlaind seach nach robh an còrr biadh aig daoine.

Ach a bharrachd air na buaidhean sin, dh’adhbharraich an t-sìde uisge na b’ fhuaire anns a’ mhuir mu thimcheall chladaichean na h-Alba, a tharraing sgaothan mòra de sgadan agus a thug àrdachadh air gnìomhachas an iasgaich. Dh’fhaodadh gur ann air sàilleabh sin a bha a leithid de dhaoine a’ gluasad eadar bailtean anns na h-eileanan aig an àm, m.e., à Càrlabhagh air taobh-siar Leòdhais gu baile-iasgaich Ghrabhair anns an ear, à Nis tarsainn na mòintich gu Tolastadh, agus bho thaobh siar na Hearadh gu na Bàigh anns an ear, far an deach mòran bhailtean-iasgaich a stèidheachadh.

Ann an 1774, chlàraich aithisg riaghaltais air am b’ ainm ‘Emigration from Various Highland Areas to North America 1772-73’ cha mhòr 500 eilthireach a dh’fhàg Leòdhas ann an 1772-73, agus tha liosta de luchd-siubhail ann airson bàta air an robh Friendship of Philadelphia le 106 eilthirich a dh’fhàg Leòdhas air sàilleabh bochdainn. Chan eil fhios cia mheud bàta eile a dh’fhalbh anns na bliadhnaichean a lean, no cia mheud duine a bha orra, oir chan eil clàran air fhàgail againn bhon àm sin, ach chan eil teagamh ann nach robh mòran eile a dh’fhalbh.
Bha teaghlaichean cuideachd a’ fàgail à Uibhist a Deas agus Barraigh aig an àm seo. Bha uachdaran à Uibhist a Deas air iompachadh bho Phàpanachd gu Pròstanachd, agus bha e airson ‘s gun dèanadh a h-uile duine a bha a’ fuireach anns an eilean an aon rud, ‘s gum biodh iad air am fuadach mar a dèanadh iad mar a thuirt e.
Ged a dh’atharraich e inntinn as dèidh beagan ùine, nuair a thuig e gu robh e ann an cunnart a’ chuid mhòr de luchd-obrach ghnìomhachais na ceilpe a chall, dh’fhàg mòran dhaoine co-dhiù, gu Eilean a’ Phrionnsa, agus suas gu timcheall air a’ bhliadhna 1800 chum struth chunbhalach de dh’eilthirich gan leantainn.
Tràth anns na 1800an, cha robh a leithid de dhaoine a’ gluasad bho na h-eileanan – bha gnìomhachasan na ceilpe agus an iasgaich aig an ìre as àirde a bhiodh iad, agus b’ urrainn do dhaoine co-dhiù beagan airgid a dhèanamh. B’ e fir òga a bha a’ fàgail mar a bu trice aig an àm seo, ‘s iad airson airgead a dhèanamh agus beagan den t-saoghal fhaicinn, agus fhuair iad an cothrom le Companaidh Bàgh Hudson, companaidh a bha an sàs ann am malairt nam bian ann an ceann an tuath agus ear-thuath Chanada. Aig deireadh na 1700an, bha an Companaidh a’ fàstadh dhaoine à Arcaibh, ach tràth anns na 1800, thionndaidh iad an aire gu Eilean Leòdhais
A-measg nan daoine a rinn ainm dhaibh fhèin bha Niall MacLeòid à Steinis, a thòisich leis a’ Chompanaidh ann an 1840 agus a bha an sàs ann an corra thuras gus faighinn a-mach dè thachair dha John Franklin agus an turas Artaigeach aige a chaidh air chall, agus cuideachd Dòmhnall Ros à Crobeag, a bha na àrd-oifigear os cionn Norway House, agus air a bheil cuimhne airson na leabhraichean-latha sìde a chum e airson còrr is trithead bliadhna, a tha a-nis air an cleachdadh le luchd-saidheans a tha a’ sgrùdadh atharrachadh na gnàth-shìde.
Ach cha b’ e Leòdhasaich a-mhàin a bha ag obair aig Companaidh Bàgh Hudson – bha feadhainn às na Hearadh cuideachd. B’ e fear dhiubh Dòmhnall MacLeòid, air an robh Dòmhnall an Talmhainn Fhuair, air a bheil cuimhne airson a’ bhriogais gheal bhianach, air a dèanamh a-mach à bian mathan-bàn, a bha air nuair a thill e dha na Hearadh! Tha cuid de shliochd fhathast a’ fuireach anns na Hearadh.
Tràth anns na 1800an, bhiodh an-dràsta ‘s a-rithist daoine a’ gluasad bho na h-Eileanan Siar gu Aimeireaga a Tuath, ach eu-coltach ri deireadh na 1700an nuair a bha daoine a’ dol a dh’Aimeireagaidh no gu Eilean a’ Phrionnsa, ‘s ann gu Ceap Bhreatainn ann an Alba Nuadh a thòisich iad a’ dol. Bha daoine a’ dèanamh eilthireachd airson dà phrìomh adhbhar – anns a’ chiad àite, cha robh mòran dùil aca ri beatha shoirbheachail anns na h-eileanan, agus bha iad a’ faicinn cothroman na b’ fheàrr ann an Ceap Bhreatainn, far an robh gu leòr talamh ri fhaotainn aig prìosan ìosal; agus anns an dàrna h-àite, bha uachdarain air tòiseachadh ri daoine fhuadach às bailtean nan Eilean, rud a ghabhas fhaicinn mar phàirt de Fhuadach nan Gàidheal, agus cha robh mòran roghainn aig feadhainn ach an slighe a dhèanamh tarsainn a’ Chuain Siar.
Bha na h-uachdarain airson barrachd is barrachd airgead a dhèanamh a-mach às na daoine a bha a’ fuireach air an fhearann, agus bhiodh iad tric a’ togail am màl a bha aig daoine ri phàigheadh. Suas gu tràth anns na 1800an, b’ urrainn do dhaoine na màil àrda sin a phàigheadh le bhi a’ gabhail pàirt ann an gnìomhachasan na ceilpe agus an iasgaich, ach thàinig sìoladh air gnìomhachas na ceilpe aig deireadh Chogaidhean Napoleon ann an 1815, agus cha b’ urrainn dha na daoine na màil àrda a bha na h-uachdarain fhathast ag iarraidh a phàigheadh.

Chaidh daoine am fuadach à ioma ceàrnaidh de na h-eileanan. Anns na Hearadh, thòisich daoine am fuadach à bailtean a’ mhachaire air a’ chosta an iar timcheall air na 1820an. Ron àm seo, bha a’ chuid mhòr de shluagh na Hearadh air a bhi a’ fuireach air costaichean an iar ‘s a deas, bho Losgaintir gu Roghadal, agus air na h-eileanan chun an iar ‘s gu deas, mar Pabaigh agus Tarasaigh. Chaidh an talamh seo a thabhann do thuathanaich bho Thìr Mòr aig an robh tòrr airgid, agus aon mu seach chaidh bailtean a’ mhachaire fhuadach gus an robh taobh siar na Hearadh uile gu ìre math falamh ro na 1840an.
Ghluais mòran dhaoine tarsainn gu Bàigh na Hearadh air an taobh sear, far an deach bailtean-iasgaich a stèidheachadh anns na 1700an, ach dh’fhalbh mòran dhaoine a Chanada agus dh’fhuirich iad ann an Ceap Breatainn. Dhiubh seo, ‘s dòcha gur e Aonghas Mòr MacAsgaill à Beàrnaraigh am fear a b’ ainmeile a dh’fhalbh. Tha fhios againn air còrr is 1,000 neach a thàinig gu Ceap Bhreatainn às na Hearadh anns na 1800an tràtha, ach ‘s mathaid gu robh fada a bharrachd air a sin ann.
Anns an aon dòigh, chaidh daoine am fuadach bho àiteachan ann an Leòdhas tràth anns na 1800an, gu h-àraidh ann an Ùige agus ann an sgìre na Pàirce anns na Lochan, airson tuathan agus oighreachdan a chruthachadh, ged a ghluais iad sa’ chiad àite gu bailtean-iasgaich air costa an ear Leòdhais, an àite eilthireachd a dhèanamh gu Canada. Ann an Ùige, chaidh daoine bho bhailtean Eadar Dha Fhadhail, Mealastadh agus aile am fuadach anns na 1840an, agus chaidh daoine bho thòrr bhailtean beaga ann an Ceann-a-deas nan Loch an cur far an talamh eadar na 1820an agus na 1840an, bailtean mar Leumrabhagh, Orasaigh agus Èisgean.
Cuideachd anns na 1820an, thòisich daoine ri bhith air an cur far an talamh anns nam Meadhanan ann an Uibhist a Deas, còmhla ri sgìre a’ Chlachain (agus na b’ fhaide air adhart, Sollas) ann an Uibhist a Tuath. Bha daoine cuideachd air an cur far an talamh ann am bailtean ann am Barraigh, agus mar sin bha buaidh aig na fuadaichean air a h-uile eilean. Thuinich a’ mhòr-chuid de na daoine sin ann an Ceap Bhreatainn.
A’ bhuidheann mhòr mu dheireadh bho na h-Eileanan an Iar a thuinich ann an Ceap Bhreatainn, ‘s ann bho Phabaigh anns na Hearadh a thàinig iad, a chaidh an cur às na dachaighean aca ann an 1846 airson tuath a chruthachadh. Aig an àm seo, bha an talamh a b’ fheàrr ann an Ceap Bhreatainn air a thuineachadh agus bha aig muinntir Phabaigh ri tuineachadh air an talamh a bu thruaighe anns na talamhan àrda ann an sgìre Loch Lomond, no anns an fhìor thuath den eilean aig a’ Cheap a Tuath.
Adhbhar eile nach robh Ceap Bhreatainn na àite cho tarraingeach a-nis ‘s e gun robh galar a’ bhuntàta ann, galar a bha mu-thràth air sgrios a dhèanamh air a’ bhuntàta air a’ Ghàidhealtachd ‘s anns na h-Eileanan (agus ann an Èirinn) tro na 1840an, agus a dh’adhbharaich Gorta a’ Bhuntàta sa’ Ghàidhealtachd. Aig an àm seo, bha cus dhaoine a’ fuireach ann am bailtean nan Eilean far nach deach daoine am fuadach, agus bha aig a’ bheagan talmhainn a bh’ ann ri mòran dhaoine a bheathachadh. ‘S e am buntàta an aon bhàrr a bheathaicheadh an àireamh mhòr seo de dhaoine agus, nuair a thàinig an galar, dh’adhbharaich e acras agus gorta fad is farsainn.
Chuir Seumas MacMhathain, leis an robh Leòdhas aig an àm, air chois gum fàgadh àireamh mhòr de dhaoine Leòdhas anns na 1840an agus na 1850an, airson faochadh a thoirt do na duilgheadasan sin. Anns na 1840an, chaidh a’ mhòr-chuid de na daoine gu bailtean air taobh an ear Quebec, far an lorg thu fhathast ainmean àiteachan mar Steòrnabhagh agus Tolastadh. Anns na 1850an, bha daoine a’ gluasad barrachd gu Ontario. Dh’fhàg mìltean de dhaoine Leòdhas anns an dòigh seo.
Fhuair daoine bho na Hearadh, Uibhist a Tuath agus bhon Eilean Sgitheanach cuideachd cuideachadh airson na h-eileanan fhàgail anns na 1850an bho Chomann Eilthireachd na Gàidhealtachd agus nan Eilean, a chaidh a chur air chois airson cuideachadh a thoirt do dhaoine aig an robh duilgheadasan le acras agus dòmhlachadh sluaigh, le bhith a’ toirt airgid air iasad do dhaoine airson siubhal gu Astràilia; dh’fhàg còrr is 600 neach na Hearadh airson a dhol gu Astràilia is thuinich a’ mhòr-chuid ann an ceann-a-deas Astràilia.

Thug an eilthireachd sin faochadh mòr don talamh airson greis agus, mar a thàinig galar a’ bhuntàta gu crìch, bha beatha beagan nas cofhurtaile aig daoine a-rithist. Cha robh eilthireachd mhòr tuilleadh ann gus na 1880an, nuair a bha gluasad mhòr eile de dhaoine bho Leòdhas agus na Hearadh gu Canada, an turas seo gu Prèiridhean Saskatchewan agus Manitoba.
Bha Canada ag iarraidh gun tigeadh daoine a thuineachadh agus a dh’obair anns na Prèiridhean, agus bha seo tarraingeach do mhòran dhaoine oir bha àireamh an t-sluaigh anns na h-eileanan ag èirigh a-rithist; anns na Hearadh, mar eisimpleir, bha fhathast aig àireamh mhòr den t-sluagh ri fuireach ann am bailtean nam Bàgh air an taobh an ear, far nach robh doimhneachd talmhainn, is far an robh talamh creagach agus neo-thorrach nach b’ urrainn àireamh mhòr de dhaoine a ghiùlan.
Tro na 1880an, dh’fhàg còrr is 200 neach na Hearadh airson a dhol gu Prèiridhean Chanada, dh’fhàg còrr is 300 neach Leòdhas, agus dh’fhàg còrr is 300 neach Uibhist a Deas, ged a bha fhathast duilgheadas ann le dòmhlachadh sluaigh. Rinn an Riaghaltas rannsachadh air staid nan croitearan anns na 1880an, ris an canar Coimisean Napier, agus dh’adhbhraicheadh seo atharrachaidhean anns a’ chiad deicheadan den 20mh linn.

‘S ann tràth anns na 1920an a thachair an eilthireachd a bu mhotha anns na 1900an, beagan bhliadhnaichean as dèidh a’ Chiad Chogadh. Bho thoiseach na linn bha àireamh-sluaigh nan Eilean air a bhith ag èirigh a-rithist, agus bha fhathast gainnead de thalamh ann airson daoine. Ràinig àireamh-sluaigh Leòdhais gu seachad air 29,000 neach, agus bha còrr is 5,500 neach anns na Hearadh.
Chaidh Bòrd nan Sgìrean Dùmhail a stèidheachadh airson faothachadh a thoirt air duilgheadasan na Gàidhealtachd, agus airson leasachadh a thoirt air croitearachd, gnìomhachas an iasgaich agus air gnìomhachas a’ chlò. Bha am Bòrd cuideachd an sàs ann a bhith a’ ceannach talamh bho na h-uachdarain agus ga thoirt air ais do mhuinntir an àite, airson na h-àiteachan a chaidh fhuadach anns na 1800an ath-thuineachadh.
Anns na Hearadh, chaidh Borgh ann am Beàrnaraigh ath-thuineachadh, agus chaidh dà-fhichead sa h-aon croitean a chruthachadh anns an Taobh Tuath (agus bho na 1920an air adhart chaidh bailtean a’ mhachaire an ath-thuineachadh). Ann an Leòdhas, chaidh pìosan talmhainn a chuir air leth airson iasgairean aig Battery Park ann an Steòrnabhagh, agus chaidh croitean a chruthachadh ann an Aiginis agus ann am Mangarstadh. Bha dùil sgeamaichean eile coltach ris a seo a dhol air adhart mas do thòisich a’ Chiad Chogadh ann an 1914, ann an àiteachan mar Griais agus Gabhsann, ach as dèidh dhan chogadh tòiseachadh, agus as dèidh do Leverhulme an t-eilean a cheannach ann an 1918, cha deach iad air adhart.
Bhon bhliadhna 1918 air adhart, thòisich na mìltean de dh’eileanaich a bha air falbh anns a’ Chiad Chogadh ri tilleadh, agus bha iad ag iarraidh talamh agus taighean dhaibh fhèin, rud a bha iad an dùil a bha air a ghealltainn dhaibh bhon riaghaltas. Thòisich daoine ri talamh a ruaigeadh ann an àiteachan mar Col agus Griais. Cha robh Leverhulme airson croitean a chruthachadh anns na h-àiteachan seo (ged nach robh e na aghaidh ann an àiteachan mar Ùige far an deach barrachd bhailtean ath-thuineachadh), agus air sgàth na teanntachd a dh’adhbharaich seo, am measg adhbharan eile, chuir Leverhulme a chùil ris na planaichean a bh’ aige ann an Leòdhas ann an 1923, rud a dh’fhàg eaconamaidh an eilein ann an droch staid.
Bha Leòdhas air còrr is 1,000 duine a chall anns a’ Chiad Chogadh (chaill na h-Eileanan Siar còrr is 1,700 gu lèir) agus bha an t-eilean air fulang tubaist uamhasach call na h-Iolaire, nuair a chaidh 201 duine a bhàthadh faisg air cala Steòrnabhaigh air madainn na Bliadhn’ Ùire ann an 1919. Leis na chaill an t-eilean de dhaoine anns a’ chogadh, agus droch staid na h-eaconamaidh an dèidh Leverhulme Leòdhas fhàgail, cha robh rudan ach a’ coimhead gu math gruamach aig toiseach na 1920an.
An àite obraichean agus talamh fhaighinn aig an dachaigh, chaidh toirt air daoine àite a lorg ann an àiteachan eile san t-saoghal. Agus mar sin, air an 21mh là den Ghiblean, 1923, dh’fhàg còrr is 300 neach (a’ mhòr-chuid dhiubh daoine òga) eilean Lèodhais air a’ Mhetagama ‘s iad a’ falbh a’ Chanada, agus anns an aon mhìos, dh’fhàg cha mhòr 300 neach Uibhist a Deas airson Canada air a’ Mharloch. Anns a’ Ghiblean 1924, dh’fhalbh am Marloch a-rithist le cha mhòr 300 neach à Leòdhas, agus anns a’ Chèitean 1924 dh’fhalbh an Canada le 250 neach.
Bha mòran gan leantainn anns na bliadhnaichean a lean air bàtaichean eile, agus ro dheireadh na 1920an bha grunn mhòr de dh’òigridh nan Eilean Siar air an call tro chogadh no tro eilthireachd. Eu-coltach ri eilthireachd anns na 1800an, nuair a bha daoine a’ gluasad gu àiteachan àraid ann an Canada, bha eilthirich na 1920an a’ sgapadh air feadh Canada agus Aimeireaga, feadhainn a’ fuireach ann an Ontario, feadhainn a’ gluasad gu na Prèiridhean, agus feadhainn a’ dol tarsainn a lorg obair ann an Aimeireaga, ann an àiteachan mar Detroit far an robh factaraidh mhòr aig Ford Motor Company.
Aig deireadh na 1920an, ge-tà, thàinig sìoladh mòr air eaconamaidh Aimeireagaidh, àm ris an canar an Great Depression, agus bha obraichean gu math doirbh a lorg airson tòrr dha na h-eilthirich, agus thill cuid dhiubh dhachaigh dha na h-eileanan. Bhon uairsin, chan eil eilthireachd mhòr sam bith air a bhith ann, ach tha e fhathast àbhaisteach gu leòr a bhith a’ faicinn tòrr dhaoine òga a’ fàgail na h-eileanan a h-uile bliadhna airson foghlam agus obraichean.