Chan eil ach ‘s dòcha dà cheud bliadhna bho thòisich muinntir nan Eilean Siar air cinnidhean a chleachdach.
Roimhe sin, ged a bha daoine ag aithneachadh gum buineadh iad do theaghlaichean mhòra, b’ e sloinnidhean a bha iad a’ cleachdadh seach cinnidhean. Gu mì-fhortanach, bha na sloinnidhean seo tric air an eadar-theangachadh gu Beurla le daoine aig nach robh eòlas air sloinntearachd – mar eisimpleir, tha an sloinneadh mac Choinnich tric air nochdadh mar an cinneadh MacKenzie, agus tha an sloinneadh mac Ìomhair air nochdadh mar an cinneadh MacIver.
Tha an siostam sloinnidh ag ainmeachadh cuideigin as dèidh athair agus a sheanair, mar Domhnall mac Iain mhic Fhionnlaigh, ach cha b’ e seo mar a bha a’ chùis an còmhnaidh. Uaireannan bhiodh cuideigin air a shloinneadh as dèidh ge bith cò thog e, ‘s dòcha bràthair-athair, no piuthar-màthar, no sean-phàrant, agus uaireannan eile ‘s dòcha gum b’ e ainm sinnsear ainmeil a bh’ air, le iomadach ginealach air fhàgail às.
Bhiodh daoine cuideachd air an ainmeachadh as dèidh far-ainmean pearsanta, an dàrna cuid buadhan corporra, m.e., Bàn, Dubh, Ruadh, Buidhe, agus msaa., no bho na ciùird aca, m.e., Clachair, Tàillear, Muillear, Saighdear (mar is trice a' comharrachadh Peinnseanair Airm), agus msaa.
Saighdear (mar is trice a' comharrachadh Peinnseanair Airm), agus msaa. Ach a-rithist, dh’fhaodadh na far-ainmean fàs oighreachail, gun a bhith a’ buntainn gu sònraichte ris an neach air an robh an ainm. ‘S dòcha nach a gobha a bhiodh ann an Domhnall Gobha idir, ach dìreach gum buineadh e do theaghlach anns an robh gobhainn bho chionn fhada. Agus anns an aon dòigh, chan fheumadh falt ruadh a bhith air Iain Ruadh idir, ach gum buineadh e do theaghlach anns an robh daoine le falt ruadh gu h-eachdraidheil, no gun robh e de shìol sinnsear ainmeil air choireigin aig an robh falt ruadh. Ach aig an aon àm, feumaidh sinn cuimhneachadh nach fheumadh buinteanas a bhith aig a h-uile Tàillear ann an sgìre ris an aon tàilleir, no aig a h-uile Buidheach ris an aon neach bàn!
Mar a bha ainmean Gàidhealach gam Beurlachadh, b’ e uaireannan far-ainm an teaghlaich an cinneadh Beurla a dheidheadh iad – ‘s e Smith eisimpleir follaiseach dhan a seo – ach tha cuid nach eil cho furasta aithneachadh. Cò, mar eisimpleir, a chanadh gum b’ e an aon chinneadh a bha ann an Walker agus MacNockiter? Ach cha robh ann an MacNockiter ach oidhirp Mac an Fhùcadair fhuaimneachadh ann am Beurla – tha Walker (as dèidh waulker, a’ ciallachadh fùcadair) a-nis air tighinn na àite anns na h-eileanan, ann an Uibhist a Deas gu h-àraid.
Tha feadhainn de chinnidhean a tha a’ nochdadh anns na h-eileanan aig a bheil blas gu math Gallda, ach chan eil seo an còmhnaidh a’ ciallachadh gur e teaghlach Gallda a bh’ annta. Gu math tric, nuair a bha cinnidhean Beurla gan cleachdadh an toiseach, bhiodh na clàradairean a’ cleachdadh ainm Gallda air an robh iad eòlach, ann an àite ainm Gàidhlig sam bith a bha ro dhoirbh dhaibh. ‘S e ainm a Siorrachd Àir gu h-àraid a th’ ann an Kerr, ach bha an t-ainm cumanta anns na Hearadh, agus ann an sgìrean eile san iar-thuath.
‘S dòcha gur ann bhon ainm ‘Carrach’ a thàinig e an toiseach, a’ ciallachadh ceàrr-làmhach, agus ‘s dòcha gur bho shinnsear ainmeil a bha ceàrr-làmhach a thàinig an t-ainm. Tha blas gu math Gallda aig Montgomery cuideachd, a tha ri lorg ann an Leòdhas, ach tha e a’ nochdadh ann an seann chlàran mar MacGumraid, no eadhon MacGumbry, a tha ga ar fàgail a’ beachdachadh am b’ e Montgomery a chaidh chur gu Gàidhlig, no an e MacGumraid a chaidh a chur gu Beurla.
Ciad Ainmean
Bha ciad ainmean dhaoine a’ fulang gu mòr ann an làmhan nan daoine a bha a’ dèanamh an eadar-theangachaidh bho Ghàidhlig gu Beurla.
Nuair a chaidh tòiseachadh air na clàran sìobhalta an toiseach, cha sgrìobhadh an neach-clàraidh ainm ann an Gàidhlig, agus bha iad a’ cur sìos ainm Beurla a bha iadsan a’ smaoineachadh a bha freagarrach. Gu mì-fhortanach cha b’ e an aon ainmean a bha gach neach-clàraidh ri taghadh!
Chan eil e annasach faicinn aon ainm Beurla an uair a thèid leanabh a bhreith, ainm eile aig am pòsaidh agus ainm eadar-dhealaichte an uair a bhàsaicheas e. Bha ainmean bhoireannach gu h-àraid a’ fulang, agus bha ainm mar Gormal, a bha air a chleachdadh tric ann an Nis, ach nach robh cho cumanta ann an sgìrean eile, a’ fairtleachadh air cuid den luchd-clàraidh. Bha cuid a’ cleachdadh Gormelia, ach bha feadhainn eile a’ cleachdadh Amelia, Emily agus Camelia. Bha feadhainn eile a’ cur sìos Dorothy agus Dorcas, agus fiù Naomi!
Bha Oighrig air a sgrìobhadh ann an iomadach dòigh – Effie, Euphemia, Erica, Efrica, Africa, Harriet, agus ann an Leòdhas gu h-àraid, Henrietta and Etta. Anns na seann chlàran eaglais bha cuid fiù ‘s a’ sgrìobhadh Eric – agus bha sin a’ togail ceist dè an gnè a bha anns an leanabh! Chaidh ainmean balach a chuir air dòigh na bu luaithe le bhith dol gu sgrìobhaidhean Homer agus Cogadh nan Trojans – Alexander, Philip, Hector, Aeneas, Evander, agus mar sin air adhart.
Cha robh gnothaich aig an duine air an robh an t-ainm ris a’ chùis – ’s e an t-ainm Gàidhlig a bhathas a’ cleachdadh co-dhiù anns an dachaigh. Cha bhiodh a’ chuid mhòr ri coimhead dè bha dol dha na clàran, agus am b’ urrainn dhaibh a bhith air an leughadh nam faiceadh iad iad? An corra uair a bha feum air an ainm oifigeil ’s e an t-ainm Beurla a bha cunntadh, agus bha e na b’ fhasa an t-ainm a bha anns na clàran a chleachdadh. An uair a thòisich daoine ri faighinn a’ pheinnsein, bha buairidhean ann an uair a fhuair iad a-mach airson a’ chiad uair dè an t-ainm a bha clàraichte air an son!
Ionnsaich Tuilleadh
Sloinntearachd nan Eilean Siar
Seirbhis Sloinntearachd ‘Cò Leis Thu?’
Beul-Aithris
A' Toirt Òrdugh Air Ainmean
Rannsaich stòras Hiort an asgaidh
Tha toraidhean an stòr-dàta airson Hiort air fad an asgaidh, le taing dhan a’ Mhaoin-Dualchais. Thoir sùil air tasglann Hiort airson faicinn mar a tha an stòr-dàta ag obair!