In using any written sources, it is essential to bear in mind that the people of the islands were overwhelmingly Gaelic speaking.
Bha na clàran seo air an cumail le luchd na Beurla, aig an robh eòlas agus ùidh anns na daoine ionadail glè bheag.
Bha mar a bha an t-ainm air a chlàradh a rèir toil an duine a bha ga sgrìobhadh sìos, agus mar a bha na fir-clàraidh ag atharrachadh, bha na h-ainmean ag atharrachadh cuideachd. A thuilleadh air a’ mheasgachadh mar Catherine—Kate agus Margaret—Peggy a chì thu ann an sgìre sam bith, bha na fir-clàraidh anns na h-eileanan a’ measgachadh Angus—Aeneas, Finlay—Philip, Effie—Euphemia—Henrietta, Marion—Sarah, Gormelia—Dorcas—Dorothy, Rebecca—Betsy—Sophie, agus mar sin air adhart. Aig amannan gheibh thu boireannaich air an clàradh le ainm eadar-dhealaichte aig àm am breith, àm am pòsadh, agus aig àm am bàis.
Air sgàth nan duilgheadasan sin, cha robh sinn a’ faicinn adhbhar sam bith airson ainmean dhaoine a chlàradh mar a tha iad air an clàradh anns na clàran, agus airson sin chùm sinn ri aon dòigh air litreachadh gach ainm, agus ged nach eil seo ceart a bharrachd, aig a char as lugha tha na h-ainmean air an litreachadh anns an aon dòigh. Leis a sin tha sinn a’ litreachadh Christina, Christian, Christine, Chirsty, Christy, agus msaa., mar Kirsty, am fuaimneachadh as fhaisg air an ainm Gàidhlig, Ciorstag, no Cairistiona.
Tha trioblaid ann cuideachd le cuin a chaidh daoine a bhreith anns na h-eileanan. Tha na clàran sìobhalta airson pòsadh agus bàs an ìre mhath ceart, ach gu math tric ceàrr airson breith duine. Chan eil na clàran eaglais a’ dèanamh sgaradh eadar breith agus baisteadh leanabh, agus anns na h-àitichean iomallach dh’fhaodadh seo a bhith gu math eadar-dhealaichte. Tha fios gu bheil na h-aoisean anns na cunntasan-sluaigh gu math ceàrr aig amannan, ach mar as tric anns na clàran againne tha sinne air cleachdadh an aois as freagarraich air a’ chunntas-sluaigh agus air clàran na h-eaglais suas gu 1855. Tha sinn ag innse cuin a bhàsaich daoine suas gu 1920, agus tha iad sin, agus fiosrachadh air pòsaidhean a’ tighinn bho na clàran oifigeil. Gheibh sinn leth-bhreac dhan fhiosrachadh sin dhuibh, ma tha sibh dha iarraidh, airson beagan cosgais.
Airson tuilleadh fiosrachaidh chleachd sinn pàipearan oighreachd agus pàipearan eile, far a bheil iad rim faighinn, agus tha iad seo tric a’ sealltainn nan ainmean mar ainmean-teaghlaich. Tha sinn cuideachd air cleachdadh beul-aithris anns an stòras againn. Gu tric tha daoine a tha rannsachadh gu proifeasanta a’ dèanamh dìmeas air beul-aithris, ach feumar cuimhneachadh gun tàinig am fiosrachadh às a’ choimhearsnachd, agus gu bheil e nas dòcha a bhith ceart na nithean a chaidh an sgrìobhadh le coigrich. Tha beul-aithris ri toirt cothrom dhuinn a dhol air ais ginealaich ann an teaghlaichean, gu toiseach no meadhan an ochdamh linn deug, agus uaireannan nas fhaide air ais na sin.
Ma tha tuilleadh fiosrachaidh a dhith oirbh mu dheidhinn an dòigh anns na chruthaich sinn an stòras, bidh sinn toilichte freagairt a thoirt dhuibh.
Ionnsaich Tuilleadh
Ainmean nan Eilean Siar
Sloinntearachd nan Eilean Siar
Seirbhis Sloinntearachd ‘Cò Leis Thu?’
Beul-Aithris

Rannsaich stòras Hiort an asgaidh
Tha toraidhean an stòr-dàta airson Hiort air fad an asgaidh, le taing dhan a’ Mhaoin-Dualchais. Thoir sùil air tasglann Hiort airson faicinn mar a tha an stòr-dàta ag obair!


