NEW: Vacancies | Mon – Fri 10–5 | 01859 520 258

Eachdraidh Ghoirid Dhealbhaichte de Rubh’ an Teampaill, an Taobh Tuath

‘S ann mu thimcheall chladaichean Rubh’ an Teampaill anns an Taobh Tuath a tha ri lorg fear de na h-àiteachan as tràithe san robh daoine a’ fuireach anns na h-eileanan.

Ann an 2001, lorg àrc-eòlaichean sligean chnothan-challtainn loisgte fon talamh bho 7,000 bliadhna RC, a’ ciallachadh gun robh daoine a’ ròstadh chnothan ann bho chionn còrr is 9,000 bliadhna!

B’ e daoine iniltearach a bhiodh annta, a’ tighinn chun na h-eileanan as t-samhradh, ‘s a’ gluasad gu deas sìos costa an iar na h-Alba ‘s a’ gheamhradh. Bhiodh an saoghal fhathast a’ tighinn a-mach à fuachd linn na deighe aig an àm, agus bhiodh na geamhraidhean gu math fuar.

Lorg àrc-eòlaichean cuideachd làrach de thaigh mòr nach robh buileach falaichte cho domhainn fon talamh ‘s a bha na cnothan, taigh bho 3,000 bliadhna RC, timcheall air 5,000 bliadhna air ais. Bhiodh làr gainmhich anns an taigh, agus bha cearcall de chlachan am meadhan an làir le luaithre na bhroinn, far am biodh an teine air a bhith aca. ‘S ann mu thimcheall an àm seo a thòisich daoine a’ tuineachadh anns na h-eileanan, ‘s a thòisich iad ri àiteach ‘s ri buachailleachd.

Chaidh pìosan de chnàmhan èisg is bheathaichean a lorg faisg air an taigh, còmhla ri innealan air an dèanamh a-mach à cloich agus adharcan fèidh, agus pìosan de phoitean briste, agus bha an t-àite mu thimcheall an taighe air fad làn sligean-mara, agus cnàmhan chaorach, chrodh, fèidh ‘s eòin cuideachd, a’ sealltainn dhuinn na seòrsa rudan a bhiodh iad ag ithe.

Uaireigin anns a’ chiad mhìle bliadhna RC, mu 2,500 bliadhna air ais, bha dùn air làrach na h-eaglais. Bhiodh e nas lugha na am broch ri fhaicinn ann an Càrlabhagh, agus bhiodh e air a chleachdadh na àite-faire, far an coimheadadh iad a-mach air a’ mhuir airson nàimhdean sam bith. Bha dùin air feadh nan eilean, a’ coimhead gu tuath, gu deas, gu ‘n iar agus gu ‘n ear, agus nam faiceadh iad cunnart sam bith a’ tighinn, lasadh iad teine. Chitheadh an ath dhùn an teine sin agus lasadh iad fhèin fear, agus mar sin air adhart.

Bhiodh an dùn anns an Taobh Tuath, mar eisimpleir, a’ coimhead a-mach chun an iar, agus nam faiceadh iad càil, thòisicheadh iad teine, agus b’ urrainn an teine sin a bhith air fhaicinn leis na dùin ann am Pabaigh agus Beàrnaraigh. B’ urrainn an uairsin dùn Tharasaigh teine Bheàrnaraigh fhaicinn, agus sgaoileadh an teachdaireachd gu Loisgintir, an uairsin a-mach gu Huisinis, Scarp, agus suas an taobh siar.

Bha adhbharan eile ann airson dùin – bha dùin ann far am b’ urrainn daoine tèarmann a ghabhail, mar an dùn ann an Loch an Dùin ann an Tarasaigh, agus ann an Scalpaigh. Gu dearbh, ma chì sibh loch air mapa sam bith air a bheil Loch an Dùin, faodaidh sibh a bhith cinnteach gu robh dùn ann, no gu math faisge. Agus tha an aon rud fìor mu àiteachan air a bheil Borgh, a’ tighinn bhon t-seann fhacal Lochlannais airson dùn – borg. Cia mheud dha na h-àiteachan sin as urrainn dhut a lorg air mapa dha na h-eileanan? Tha fhios agad a-nis gu bheil fear anns na Hearadh – càit eile?

Cò ris a bhiodh dùn an Taobh Tuath coltach? Am faic sibh anns an dealbh gu h-ìosal làrach chruinn a’ ruith timcheall na h-eaglais far am biodh an dùn na sheasamh? Fo sin, tha dealbh a’ sealltainn ‘s dòcha cò ris a bhiodh làrach an dùin coltach nam biodh e fhathast ann (coltach ris an Dùn Bheag anns an Eilean Sgiathanach).

Thòisich Crìosdaidheachd a’ sgapadh tro Alba le miseanaraidhean à Èirinn timcheall air a’ bhliadhna 600 AD, miseanaraidhean mar Colm Cille. Tha fhios againn gun deach eaglaisean a thogail air feadh nan eilean, agus tha e coltach gu robh an teampall anns an Taobh Tuath air a togail aig an àm sin cuideachd. ‘S dòcha gun deach feadhainn de na clachan a bha anns an dùn a chleachdadh airson an eaglais a thogail cuideachd.

Bhiodh coimhearsnachd bheag air a bhith a’ fuireach an-seo an uairsin, ‘s dòcha sagartan, manaich agus daoine eile. Bhiodh iad air a bhith a’ fàs biadh ‘s a’ cruinneachadh maorach on chladach, mar a bhiodh daoine Linn na Cloiche a bha a’ fuireach anns an àite mìltean de bhliadhnaichean romhpa, agus bhiodh iad a’ cruinneachadh aig an teampall airson adhradh, agus a’ falbh leotha fhèin airson meòmhrachadh spioradail ann an cilltean beaga timcheall nan cladaichean.

Cha bhiodh an eaglais air a bhith ann ro fhada mus do thòisich na Lochlannaich a’ tighinn a dh’Alba timcheall air a bhliadhna 800 AD, agus tha fhios againn gu robh iad a toirt ionnsaigh air eaglaisean ge bi càite an deidheadh iad, agus a’ goid rud sam bith a bha luachmhor. Faodaidh sinn smaoineachadh gun do thachair rudeigin coltach ris a-sin anns an Taobh Tuath.

‘S dòcha nach smaoinicheadh tu gum biodh càil luachmhor air a bhith san eaglais bheag seo, agus an-diugh chan fhaic sinn ach clachan. Ach aig an àm ud, bha manaich na h-Eaglais Cheiltich a’ dèanamh leabhraichean brèagha, le òr agus airgead, agus b’ e an t-òr agus an t-airgead seo a bha na Lochlannaich a’ lorg, a measg rudan luachmhor eile.

Saoil an do lorg na Lochlannaich càil luachmhor anns an Taobh Tuath? ‘S dòcha gun do lorg, ‘s dòcha nach do lorg. Ach bha seann sgeulachd ann a bhiodh daoine ag innse o chionn fhada, sgeulachd a bha ag innse mu ionmhas air a thiodhlacadh air Ceapabhal – ‘s dòcha gur e sgeulachd a bh’ ann a thàinig tro na linntean mu dheidhinn na rudan luachmhor a dh’fhalaich muinntir na h-eaglaise o na Lochlannaich.

Ach mura h-e MacCuthais an cinneadh agad, ged-tà, cha leig thu leas falbh a choimhead airson an ionmhais an-diugh, oir a rèir nan seann sgeulachdan ‘s ann le ‘amadan Mac Cuthais’ a dheidheadh a lorg!

Mu thimcheall na bhliadhna 1500 AD, bha an eaglais a bha air a bhi ann ri linn nan Lochlannach air tuiteam às a chèile. Mun àm seo, bha Alasdair Crotach – ceann-feadhna nan Leòdach ann an Dùn Bheagain a bha os cionn na Hearadh aig an àm – bha e air gluasad dha na Hearadh agus dh’fhuirich e ann an Roghadal.

B’ e Alasdair Crotach a phàigh airson teampall an Taobh Tuath a chàradh anns na 1520an, agus sin gu ìre mhath an togalach a chì sinn an-diugh, ged a chaidh a càradh uair no dha bhon uairsin cuideachd.

Thog e an eaglais a tha ri fhaicinn ann an Roghadal chun an là an-diugh, Tur Chliamain. Tha an tuama-chloiche bhrèagha a thog e dha fhèin fhathast ri faicinn, tè dha na feadhainn as fheàrr ann an Alba.

Mu dheidhinn:

Tagaichean

Rannsaich stòras Hiort an asgaidh

Tha toraidhean an stòr-dàta airson Hiort air fad an asgaidh, le taing dhan a’ Mhaoin-Dualchais. Thoir sùil air tasglann Hiort airson faicinn mar a tha an stòr-dàta ag obair!

GD