Sùil air Ais air Mànais (pàirt 1)

Old photo: thatched stone house on Taransay, Harris, with hills across the water

le Domhnall Dòmhnallach (Domhnall Shàm), Horgabost

Làithean-sgoile

An t-astar a b’ fhaide chaidh mise riamh, ‘a ann an latha chrùnadh an rìgh, air an dàrna latha deug dhan a’ Chèitean, 1937. Thàinig sinn, sgoilearan Mhànais, gu tràigh Sgarastaigh, agus ‘s e sin a’ chiad gainmheach a chunnaic mi riamh. Bha e leam mar an Cost Afraigeach! Ghabh sinn ar tì ann an sin. Bha tidsear againn, ‘s e Màiri Granaidh a bh’ oirre, ogha Nèill a’ Mhuilleir a bh’ ann an Srannda a bh’ innte, Miss Mackenzie. Bha i air a bhith ann an Tarasaigh mus deach i a Mhànais. B’ e ‘m maighstir-sgoile mac Iain Uilleim Mhòir. Ghabh sinn an tì far a bheil taigh Chaluim Iain ‘ic Cumhais an-diugh, ach cha robh duine a’ fuireach ann. Bha an taigh air ùr-thogail.

Bha sinn a’ fàgail an sgoil aig ceithir deug. Cha robh mòran a’ fuireach innte as dèidh sin. Cha robh airgead ann. Dh’fheumadh iad a dhol a Phort Rìgh dhan an sgoil àrd, ‘s a dh’Inbhir Nis.

Cha robh mi faighinn Gàidhlig a-riamh anns an sgoil ach dh’ionnsaich mi fhèin a leughadh agus a sgrìobhadh.. Cha robh iad airson a bhith bruidhinn na Gàidhlig idir, idir.

Bha a’ chiad sgoil faisg air far a bheil Eaglais Mhànais an-diugh. Bha mo sheanair a’ dol innte, agus Eòghainn, a bhràthair, agus Mairead Ros, seanmhair Alasdair a’ Bhàinich. ‘S e fear ris an canadh iad Rob Gàirnealair a bha dha cumail, à Srannda bha e. Thàinig fear eile dhan an sgoil ùr, Brunton, agus fear Cook. Thàinig esan dhan Taobh Tuath a-rithist. Cha robh ann ach e fhèin agus nighean Gillant’ a bh’ ann an Geocrab. ‘S i bh’ aig an fheadhainn bheaga.

Bha còrr agus ceud ann an sgoil Mhànais nuair a bha m’ athair innte. Nuair bha mise innte bha triùir a’ teagasg innte. Bha Coinneach Dhòmhnaill Fhionnlaigh anns an rùm anns an robh iad a’ còcaireachd, agus bha mac Iain Uilleim Mhòir anns an rum eile is Ceitidh Anna Ruairidh ‘ic Cumhais anns an fhear eile. An-diugh chan eil innte ach aon neach-teagaisg agus beagan sgoilearan. Thàinig a’ chiad bhristeadh air sgoil Mhànais nuair a chaidh na daoine gu Port nan Long anns an Eilean Sgitheanach anns a’ bhliadhna 1923, agus an ath bhristeadh nuair a thàinig na daoine chun a’ Mhachaire.

An t-astar a b’ fhaide chaidh mise riamh, ‘a ann an latha chrùnadh an rìgh, air an dàrna latha deug dhan a’ Chèitean, 1937. Thàinig sinn, sgoilearan Mhànais, gu tràigh Sgarastaigh, agus ‘s e sin a’ chiad gainmheach a chunnaic mi riamh. Bha e leam mar an Cost Afraigeach! Ghabh sinn ar tì ann an sin. Bha tidsear againn, ‘s e Màiri Granaidh a bh’ oirre, ogha Nèill a’ Mhuilleir a bh’ ann an Srannda a bh’ innte, Miss Mackenzie. Bha i air a bhith ann an Tarasaigh mus deach i a Mhànais. B’ e ‘m maighstir-sgoile mac Iain Uilleim Mhòir. Ghabh sinn an tì far a bheil taigh Chaluim Iain ‘ic Cumhais an-diugh, ach cha robh duine a’ fuireach ann. Bha an taigh air ùr-thogail.

Bha mo sheanmhair ochd bliadhna nuair a thàinig i a Mhànais. Rugadh i an taigh-solais Àird nam Murchan agus leughadh i is sgrìobhadh i. Bhitheadh i sgrìobhadh dha na seann bhoireannaich anns a’ bhaile. Bhitheadh na mic aca dol dhan a’ Mhailisidh. Rugadh an triùir a b’ òige a bh’ aig mo shinn-seanair ann an Sumburgh Head an Sealtainn. Bha iad ann an North Ronaldsay cuideachd.

Bha sgoil ann an Pàirc Liceasto agus ‘s e Beathag Moireasdan à Mànais a bha teagasg innte. Bhitheadh sgoilearan Cheann a’ Bhàigh a’ tighinn a sgoil Mhànais mus deachaidh drochaid a chur air an t-Sròm. An dèidh sin ‘s ann a Chaolas Stocanais a bhitheadh iad a’ dol dhan sgoil.

On social…

Find Us

Contact Us

Hebrides People Visitor Centre
An Taobh Tuath (Northton), Isle of Harris HS3 3JA

///driftwood.ample.frail

01859 520258

info@hebridespeople.com

Our funders

National Lottery Heritage Fund
COSLA
Comhairle nan Eilean Siar
UK Government
Our Islands Our Deal
Highlands and Islands Enterprise
Scottish Government
National Lottery Heritage Fund
COSLA
Comhairle nan Eilean Siar
UK Government
Our Islands Our Deal
Highlands and Islands Enterprise
Scottish Government