Your cart is currently empty!
Sùil air Ais air Griomsiadar (pàirt 2)
Eilean:
le Torcuil MacRath
An t-Iasgach
Nuair a dh’fhàs mi na b’ aosda, bhiodh sinn a’ dol a dh’iasgach na h-adaig le eathar bheag. Bha eathar mhòr aig m’ uncle, bha ceithir ràimh againn oirre, ‘s bhiodh sinn a’ dol a-mach le na ceithir ràimh ‘s duin’ air an stiùir. Bha mise an uair sin cho òg - cha robh mi ach mu cheithir bliadhna deug.
Bha bodach air mo chùlaibh anns an eathar agus ‘s e dh’ionnsaich dhomh iomradh. Dh’fheumainn, mar a thuirt e fhèin, “Sìn do bhuile”, agus mura deidhinn fada gu leòr, ‘s e dòrn nan ràimh a gheibhinn anns an druim. ‘S ann mar sin a chaidh mise ionnsachadh.
Bha mi ‘g iasgach an uair sin airson an sgadain. Rinn mi amhran beag aig àm a’ chogaidh airson na h-amannan a bha sin, mar a bha e tighinn a-steach orm. ‘S ann shìos mu mheadhan a’ bhaile, air taobh shìos an taigh-coinneimh, ‘s ann a bhitheadh sinn leis a’ cheòl. ‘S air nach biodh deò air a’ ghaoith, bha loch eadar sinn agus Rànais. Stadadh sinn an ceòl ach am faiceadh sinn an cluinneadh sinn an ceòl eile a’ dol ann an Rànais.
Bha sgadan ri fhaighinn air a’ Ghleann agus bha a h-uile duine ‘g iarraidh ann. Bha an fheadhainn aig an robh a’ chiad lot a cuir nan lìon agus thàinig bodaich Rànais. Bha ‘n fheadhainn bho cheann shìos a’ bhaile a’ smaoineachadh gun deach iad ro fhaisg orra. Chaidh iad a throd riutha, ‘s thuirt bodach à Rànais, “Cuimhnich thusa nach eil an linne uaine seo air a roinn man a tha lotaichean Bun Chasgro!” Tha Bun Chasgro, tha tòir thaighean ann.
Bha tàbh-chudaig againne le cas fhiodha. Bha na cudaigean a’ tighinn a-steach feasgar. Bhiodh fear air watch agus dh’èigheadh e, “Seo tè a’ tighinn.” Bhiodh na ceudan ann còmhla ri chèile. Bha e rèir ‘s mar a bhitheadh neart na gaoith am biodh iad àrd no ìosal anns a’ mhuir. Nuair a bha e fiadhaich bha iad a’ cumail ris a’ ghrunnd. ‘Air a bha gealach ann, bha iad an ìre mhath a’ briseadh uachdar na mara. Bhiodh sinn ann an sin ‘s bha bodach an taigh mo sheanar, ‘s bhiodh esan shìos cuideachd a’ coimhead às dèidh an tàbh. O, bha e cho greannach. Nan tigeadh iasg mòr dhan an tàbh, bhiodh sinne a’ leum air agus bhiodh am bodach fiadhaich!