DiL – DiH 10–5 | 01859 520 258

Sùil air Ais an Ath Mhòr (pàirt 2)

Sùil air Ais an Ath Mhòr (pàirt 2)

le Ciorstaidh NicIlleathain (ni’n Nèill Alasdair Uilleim)

’S e obair fearainn a bheòshlainte bh’ aig croitearan na h-Ath Mòire. Bhitheamaid nar cloinn gan cuideachadh a’ coimhead às dèidh nam beathaichean, a’ bleoghainn, a' cartadh na bàthcha, a’ dol a-mach gu cùl na beinne a dh’iarraidh nam beathaichean as t-samhradh, obair an fhoghair, togail a' bhuntàta. Bha uisge agus mòine ri tharraing dhachaigh. Ach tha gnothaichean air atharrachadh gu mòr an-diugh. Chan eil obair throm aig a’ chloinn ri dhèanamh. Bha Orasaigh aig na croitearan cuideachd, far an robh iad ri àiteach fearainn. Bha teaghlaichean a’ fuireach an Orasaigh – Aonghas Mòr bràthair mo sheanmhair ann, e fhèin ’s a bhean ’s a theaghlach, bha Ailig MacCòrcadail ann, e fhèin ’s a bhean ’s a theaghlach, ’s bha Dòmhnall mac Aonghais Ruairidh, e fhèin ’s a bhean ’s a theaghlach. Bha iad nan seirbheisich ann. Bha Orasaigh aig Baile Raghnaill, Iain Tàillear, Uilleam Thrumaisgearraidh.

Bha ulaidh cuideachd an Orasaigh. ’S e cìobairean a bha air an Ath Mhòir a fhuair i – feadhainn a Chlann ‘IcCoinnich. Chuala mi gur ann taobh Inbhir Nis a bha iad. An latha bha seo bha mo sheanair – Pàdraig Dùghlach – a’ treabhadh an Orasaigh. Thàinig fear dhe na cìobairean far an robh e, a’ faighneachd, “A Phàdraig, a bheil spaid agad?”

“Tha,” ars’ esan. “Chaill mi beathach caorach an seo agus tha mi airson a thiodhlacadh.” Ach dè bha e dèanamh ach bha iad air an ulaidh fhaighinn – agus fhuair iad an ulaidh ach cha chuala duine beò ann an Uibhist gun d’ fhuair iad i. Agus cha robh iad fad’ sam bith nan cìobairean gu' n do dh’fhalbh iad agus cheannaich iad tuathanas a-mach taobh Inbhir Nis. Chaidh iad chun an jeweller an Inbhir Nis agus cha robh aige na phàigheadh na thug iad dha.

Bha seann chleachdaidhean againn mar Oidhche Challainn. Cha robh sinn a’ cumail Oidhche Shamhna riamh. Bhiodh na bainnsean mar bu trice air Diardaoin. Bhithte a' dèanamh banais-taighe air Dihaoine airson an fheadhainn a bha frithealadh air a’ bhanais. Lathaichean ron bhanais bhiodh muinntir an àite a’ tighinn le cearcan is feòil - bha a h-uile duine a’ cuideachadh. Nuair a bhiodh bàs anns a’ Bhaile, cha bhiodh na nàbaidhean a’ dèanamh obair a-muigh gu 'm biodh an tiodhlacadh seachad. Bhithte a’ caithris anns an dachaigh sin cuideachd gu 'm biodh an tiodhlacadh seachad.

Bhiodh daoine ag innse sgeulachdan ’s a' gabhail òrain. Bhiodh m’ athair an còmhnaidh a’ seinn "Banais Mòr Chamshroin" agus "Òran na Camairt” Bha Alasdair Ruchdaidh math air dèanamh òran. Bha Iain Stiùbhart cuideachd math air an dèanamh. Bha Uilleam a’ Chaolais gan dèanamh.

Bha an t-Sàbaid air a cumail gu math faiceallach agus bhiodh a h-uile duine a’ dol dhan eaglais a h-uile Sàbaid.

Thoisich Fèill bheathaichean air an Ath Mhòire ann an 1922. Bhiodh iad a’ tighinn à Beàrnaraigh, Loch Portain, Loch nam Madadh agus Solas. Bhiodh dròbhairean a’ tighinn dhachaigh a cheannach nam beathaichean.

Bha fear ann ris an cante Eachann Moireasdan a dh’fhàg tòrr airgid – agus bha an riadh aige ri bhith air a thoirt seachad dhan deichnear a bu bhochda eadar an Sruthan Ruadh agus Port nan Long. Bha Ceit piuthar mo mhàthar ga fhaighinn.

Bhiodh ise cuideachd a’ toirt nan litrichean gu na taighean air an Ath Mhòir. Bhiodh Alasdair a’ Ghobha gam fàgail aice air a rathad à Loch nam Madadh. Bha a h-athair agus a seanmhair ris an obair roimhpe.

Tagaichean

GD
Skip to content