Your cart is currently empty!
Sùil air Ais air Cuidhtinis (pàirt 2)
Eilean:
le Niall MacCumhais (Niall ‘ain Shaighdeir), Horgabost
Bainnsean Taighe
Nuair a thigeadh tu gu ceann an rathaid ann an Cuidhtinis bha spòg a’ dol a-null gu taigh Raghnaill. Sin agadsa far as na dh’fhalbh muinntir Poll Garbhadh, a-null os cionn na mara. Bha thu tionndadh gu do làmh cheàrr agus bha taigh mòr ann a shin, taigh mòr fada le dà theaghlach ann, Aonghas Beag Dhòmhnaill agus Aonghas Mòr Dhòmhnaill. Aonghas Beag, chaidh e Bhàgh a’ Chaise ‘s bha e pòsd’ ann a shin aig Raonaid Mhurchaidh Bhig. Thàinig Aonghas Mòr a Phàirc an t-Srath nuair a bhàsaich athair.
Chaidh rathad Chuidhtinis a dhèanamh às dèidh a’ chogaidh. Bha banais “Robert” ann an toiseach – Iain Ruairidh Iain Mhurchaidh, esan agus Mairi Iomhair ‘air a phòs iad, agus an uair sin Dòmhnall Mhurchaidh Bhig agus Ceiteag Aonghais Mhòir, bha iad ann às dèidh a chèile. ‘N uair sin Iain Aonghais agus Ceit, phòs iad air Tìr-Mòr. Dùghall agus Raonaid, piuthar athair Mhàiri, Dòmhnall Uisdein agus Sile, phòs iad ann an Cuidhtinis.
Bhiodh na bainnsean anns na taighean. Bha rèiteach an toiseach ann ‘s bha ‘n uair sin a’ bhanais ann. Bhiodh bainnsean math ann. Bha rèiteach ann trì seachdainean mus pòsadh iad. Cha robh uiread a’ dol chun an rèiteach. Bha na boireannaich air an cur a-steach dhan a’ chlòsaid agus bha na fireannaich a’ suidh’ aig a’ bhòrd. An uair sin bha iad ag ràdh gun tàinig iad ann a seo a-nochd agus bha iad ag iarraidh rudeigin annasach. Chanadh iad an uair sin nach robh iad a’ smaoineachadh gu robh e dol a dh’fhaighinn càil a seo a-nochd. Mu dheireadh chanadh e gu robh e coimhead airson bean dhan an fhear-sa. Chanadh cuideigin gu robh gu leòr a’ coimhead airson bean!
Thigeadh a’ chiad nighean a-nuas agus bha iad a’ coimhead oirre a-null ‘s a-nall. “O, cha ghabh mi idir i,” chanadh fear na bainnse, agus ‘s e sin an reject! Cha do rinn i ‘n grade dheth! ‘S an ath tè ‘s an treas tè, ‘s bheireadh iad greis mhòr a’ bruidhinn, agus bha iad a’ fàs cho cas ‘s ag argamaid ri chèile. Mu dheireadh thigeadh an tè seo a-nuas – an tè a bha dol a phòsadh còmhla rithe, bean na bainnse. Bha i còrdadh glè mhath ris. “Chan fhaigh thu idir i,” thigeadh am freagairt. “Seo an tè a bha mise feitheamh,” chanadh fear na bainnse. “A mhic gun nàire,” chanadh am fear a bha ga cumail bhuaithe, “fhalbh ‘s thoir an t-sitig ort, chan eil thu dol a dh’fhaighinn boireannach dhan t-seòrsa sin.” Mu dheireadh dh’fhaighnicheadh iad dhith an gabhadh i e. Chanadh i gun gabhadh agus chanadh iad rithe, “Trobhad an seo,” agus bha iad ga cur na suidhe ri taobh an fhear a bha ga h-iarraidh. ‘S e spòrs a bh’ ann! Bha an còmhnaidh fear ann a bha math air fearg a chur air càch, ‘s bhiodh an còmhnaidh Calum Sheumais fhèin ann. Bha e cho èibhinn!
Bha an uair sin dramaichean a’ dol timcheall. Bhiodh brag aig na truinnsearan shìos, ‘s a-nuas leotha. Bha na h-òrain a’ tòiseachadh. Ron a’ bhanais bha na boireannaich ri marbhadh chearcan, ghan spioladh agus gham bruich. Bha iad an uair sin a’ tighinn a dh’fhiathachadh airson na bainnse.
Bha facal ann, “Tha Dòmhnall a’ dol a phòsadh”. Bha am Padaidh a’ dol a phòsadh agus thàinig e dh’fhiathachadh. ‘S ann a-staigh againn fhèin a chuala mi e. Thionndaidh e ri m’ athair ‘s thuirt e, “Uill, Iain, chuala sibh uile mu Dhòmhnall.” Thuig am fear eile de bh’ aige ‘s fhreagair e, “O, uill, chuala.”
Bha iad an uair sin a’ coiseachd a Mhànais – chun na h-eaglaise am Mànais, chun a’ Cheanadaich, ‘s e bha gam pòsadh. Bhiodh ministear an Tairbeirt a’ tighinn a-staigh cuideachd. Bha iad a’ tilleadh gu taigh na bainnseadh ‘s iad ri gabhail òran: “Tha mise tighinn dhachaigh ‘s i agam pòsda”.