Diluain - Dihaoine 10-5 | 01859 520 258

Sùil air Ais air Cuidhtinis (pàirt 1)

Sùil air Ais air Cuidhtinis (pàirt 1)

Eilean:

le Niall MacCumhais (Niall ‘ain Shaighdeir), Horgabost

Solas Taigh Chaluim Sheumais

Bha taigh Chaluim Sheumais fada bhon rathad mhòr ann an Cnoc Èisgean, agus aig an àm a bha sinn a’ faicinn an t-solais ann, cha robh ann ach ceum sìos tron bhaile. ‘S ann an 1939 a chaidh an rathad sìos ann. Bha mise ag obair air rathad Chaluim Sheumais, sixpence halfpenny an hour. ‘S ann uair ‘sa cheala-deug a bha thu gha fhaighinn agus bha e coimhead uamhasach mòr!

Bha thu a’ fàgail Fhleòideabhaigh as do dhèidh agus bha thu a’ tighinn a Chuidhtinis, a-null an rathad mòr. Bha thu bristeadh aig ceann an rathaid, far a bheil an rathad a’ dol a Chuidhtinis an-diugh, agus bha thu gabhail sìos romhad agus bha fearann Chaluim Sheumais a’ tòiseachadh ann a shin. Bha còrr agus ceithir fichead acair fhearainn aige, ach ‘s e monadh eagalach a bh’ ann. ‘N uair sin bha thu a’ dol sìos agus a’ bristeadh gu do làimh cheàrr agus bha an taigh aig Calum ann a shin. Bha mhuir fodhad, àite brèagha as t-samhradh – bha ‘m Minch ann a shin. Gheibheadh tu sealladh math air an taigh aige às Mànais, bhon a’ Chàrnan Mhòr. Bhithinn-sa a’ dol a-null an sin anns a’ gheamhradh air baidhsagail.

Bha mi ann an oidhche-sa co-dhiù, agus bha mi coimhead an t-solais bho mullach a’ Chàrnain, mar a tha thu bristeadh chun a’ Mhansa shìos, Mansa Eaglais na h-Alba, agus stad sinn ann a shin agus bha am balach aig Calum Sheumais, Seumas, ri mo thaobh. Mhothaich sinn dhan t-solas. Cha tuirt duine guth chionn am balach a bhith ann. Bha solas ann a shiud agus cha robh ann an uair sin ach rud beag soilleir ‘s chanadh tu gu robh duine a’ dol a-null ‘s a-nall seachad air an t-solas. Bha e mar gum biodh teine agad a-muigh air an oidhche agus a’ ghaoth a’ tighinn thuige agus e lasadh suas an uair sin. Uaireannan chitheadh tu e falbh sìos chun a’ chladaich. Bha e dol sìos a bheul a’ chladaich. Bha e ‘n uair sin a’ dèanamh solas mòr agus chitheadh tu na creagan anns a’ chladach agus a h-uile càil. Thigeadh e nuas air ais agus bha e dol chun an aon àite a-rithist, gu bonn na h-uinneige far an robh iad a’ fuireach.

Bha feadhainn eile gha fhaicinn a’ tighinn a-mach chun an rathaid àird. Chunnaic mi aon oidhch’ e agus e tighinn a-mach, agus thuirt mi, “Bidh e air an rathad mhòr nuair a thèid mi seachad” – ach cha robh càil ann. Bha e mar sin airson bliadhnaichean ach bhàsaich iad agus chan fhacar riamh tuilleadh e. Bha feadhainn ag ràdh nach fhac’ an teaghlach fhèin riamh e, ach cha robh rian aig a’ bhalach an oidhch’ ud gun fhaicinn agus e còmhla riumsa agus e ri mo thaobh. Cha bu toigh leam faighneachd dha an robh e faicinn càil. Bhiodh Calum fhèin ag ràdh, “Am faca sibh an solas agamsa?”

Tagaichean

GD