Your cart is currently empty!
Sùil air Ais air Tolastadh (pàirt 2)
Eilean:
le Seonaid Mhurchaidh, banntrach Ruairidh Mhochain
An t-Iasgach
Bha eathraichean aca ann a seo fhèin, dol a-mach le lìon beag ach bha bàtaichean aca ann a Steòrnabhagh. Bha bàta aig m’ athair, tè air an robh an Dove agus tè air an robh an Clan MacLeod agus bhiodh balaich às a Rubha nan còcairean aca – nan cuibhlairean – balaich Aonghais Man agus balaich Chaluim a’ Rùide à Pabail. Bhiodh na balaich sin an còmhnaidh aca a t-samhradh, fear as dèidh fear aca man a bha iad ag èirigh. Bha iad an còmhnaidh as an Dove còmhla ri m’ athair. Nan cluinneadh na faiceadh iad boireannach thilleadh iad dhachaigh! Boireannach na ministear!
Bha bàta anns a’ bhaile air an robh an Comrade, aig mac a’ Bhògaidh. Bha e na bhodach agus bha fear a bhuineadh dhomhsa, air an robh far-ainm Seanair, bha iad a’ fuireach aig Ceann nam Buailtean, agus bha e na chòcaire aca agus bha cuid dhan a bhàta leo fhèin, agus bha am bodach sa air bàrr a’ chidhe ’g èigheachd riutha, “Sheanair!” Bha an duine na sheann duine agus e ag èigheachd, “A Sheanair.” ’S ann a thàinig h-uile duine timcheall ach am faiceadh iad Seanair mhic a’ Bhogaidh a’ tighinn suas!
Tha cuimhn’ agam air na bodaich na mo latha fhìn. Iain Aonghas Saighdear, Solamh, Tormod na Monadh – na bodaich mhòra a bha sin agus iad a’ tighinn bhon eathair. Sinne na ar clann, air a bha na boireannaich a toirt suas an t-iasg gu bàrr a’ chladaich às an eathair. Bha iad an uair sin ga thaomadh ann a sin agus bha fear dhan a’ chriutha a’ dèanamh roinn air an iasg dha gach duine a bh’ anns an eathair agus bha earrainn ann dhan eathair a bhiodh iad a reic. Gheibheadh tu trì fichead adag airson leth-chrùn. Bhiodh fear aca na sheasamh ag èigheachd, “Co leis a bhios siud agus co leis a bhios seo?” gus an dèidh na h-earrainnean a thoirt seachad. Bha iad a slaodadh suas na h-eathraichean air pìosan puist. Bha na boireannaich ann a sin na suidh air cliabh a’ fighe – a’ feitheamh gus an tigeadh na h-eathraichean a steach. Bha feadhainn aca ri dol gu Tìr Mòr – sgothan mòra Niseach le sia ràimh. Bhiodh iad anns an uisge gu ’m broilleach, gu h-àraid a fear a bha tighinn gu tìr leis a’ phaintear.