Sùil air Ais air Tolastadh (pàirt 3)

le Seonaid Mhurchaidh, banntrach Ruairidh Mhochain

An Teaghlach

’S ann à Tolstadh a bha an dùin’ agam. Bha e seòladh aig a New Zealand Shipping Company. Bha e air falbh fada. Rugadh a nighean againn anns a’ Mhàrt agus chan fhaca a h-athair a-rithist i gun an t-Samhain. Bha e duilich agus goirid as dèidh sin dh’fhalbh e agus chaidh a ghoirteachadh – thuit e dhan toll. Cha do rinn e an còir obair.

Bha m’ ogha ag ràth rium as dèidh dhith dhol dhan a sgoil, “ Bheil cuimhn’ agaibh air a bha iad a’ toirt an ceann fo na daoine?” “Chan eil buileach!” thuirt mi rithe. Bha sinn fhìn an aon rud ach bha aodach dubh air a h-uile seann duine anns an latha againne. A chiad uair a chaidh mise gu cruinneachadh na seann daoine thuirt mo bhràthair, “’S cinnteach nach eil thu dol ann a sin?” “Nam bithinn sa ann ri linn mo sheanmhair bhithinn ann a sèithear bascaid le plaide mu m’ uachdar!” Ach bha iad sgìth, le ’n cuirp air am briseadh le obair.

Chaidh feadhainn às a seo a’ Chanada air a’ Mhetagama agus air a’ Chanada. Chaidh m’ athair a’ Chanada. Bha e ’g iasgach air na Lakes airson ceithir bliadhna agus thàinig e dhachaigh an uair sin. Rinn e math ann an Canada. Bha e pòsta ’air a chaidh e ann le teaghlach òg. Cheannaich e ’n Dove – fhuair e sin às. Thog e taigh geal. ’S e taighean dubh a bha anns a chuid mhòr dhan a’ bhaile - feadhainn aca air an robh gèibheal. Bha taighean ann le teine a meadhan a làir. Anns an fheadhainn sin bhiodh a cheò na do shùilean! Ach bha iad dòigheil annta. Bha ochdnar anns an teaghlach agamsa ach bha an tè bu shine air bàsachadh mas do rugadh mise. Bhàsaich i air a bha i ochd bliadhna. Bha triùir bhalach ann agus ceathrar nighean. Tha triùir againn beò, piuthar ann an Inbhir Nis agus tha bràthair anns an taigh againn fhìn.

Bha mo sheanair a-muigh anns a Loch a Tuath agus chaidh an t-eathar a bha seo bhon a’ Bhac seachad oirre agus bha iad ag obair air mo sheanair airson gun deach i seachad air. Goirid as dèidh sin chaidh i fodha. Chan eil fhios agam co mheud a chaidh a chall ach chaidh a fear leis an robh i a shàbhaladh agus duine na dhithis eile. Chaidh mo sheanair a ghoirteachadh a’ togail fear às an fhairge. Bha an t-eathar cho mòr agus fhuair e an stiùir man a bhroilleach.

Chaidh dithis de chàirdean mo mhàthair a chall air an Iolaire, dà bhràthair, agus bha fear an ath dhoras, chan eil fhios agam an ni sia seachdainean a bha iad pòsta, chaidh a chall. Bha an teaghlach a bha seo, ’s ann air a’ Ghleann a bha iad a fuireach, chaidh an duine a bhàthadh, ’s chaidh athair a bhean a bhàthadh, chaidh a bhràthair a bhàthadh, ’ s chaidh a’ cliamhainn a bhàthadh. Cha robh iad pòst’ ach na sia seachdainean. Chaidh mac Red a chall. Bha a’ phiuthar thall na choinneamh. Bha gig acasan. Bha balach eile shuas an rathad. Cha robh taigh ann a seo bho muigh a sin anns a’ Chàrnan nach deach cuideigin a chall ann aig àm a’ chogaidh. Chaidh bràthair dha m’ athar a chall aig an Somme. Chaidh an aon bhràthair a bh’ aig mo mhàthair a mharbhadh anns na Camshronaich. Cha robh e ach bliadhna thar fhichead – anns an Fhraing. Bha da bhràthair agam a bhiodh a’ creagachd còmhla ri bodach a bha ’n ath dhoras. Bhiodh m’ athair ann a Yarmouth na ann a Steòrnabhagh. Thigeadh iad dhachaigh agus e dubh dorch le na bha sin a chudaigean agus bhiodh sinn a sìamachadh airson a sgadan, càil ach sgadan! Bhiodh mo sheanmhair ag ràth, “Tha latha tighinn agus bi airgead gu leòr agaibh ach chan fhaigh sibh sgadan a cheannaicheas sibh leis!” Tha e ann an diugh. An tuirt an ceàrd, “Nach b’ e latha air Tolstadh e, air a bhiodh iad ag èigheachd as mo dhèidh, ‘A, Dhòmhnaill, a Dhòmhnaill, a bheil bobhla agad a cheannaicheas mi?’” Chaidh mi steach a dh’fhaighinn pìos iasg agus bha e còig notaichean. Thuirt mi ris, “Cha robh m’ athair a’ faighinn sin air crann sgadan.”

On social…

Find Us

Contact Us

Hebrides People Visitor Centre
An Taobh Tuath (Northton), Isle of Harris HS3 3JA

///driftwood.ample.frail

01859 520258

info@hebridespeople.com

Our funders

National Lottery Heritage Fund
COSLA
Comhairle nan Eilean Siar
UK Government
Our Islands Our Deal
Highlands and Islands Enterprise
Scottish Government
National Lottery Heritage Fund
COSLA
Comhairle nan Eilean Siar
UK Government
Our Islands Our Deal
Highlands and Islands Enterprise
Scottish Government