NEW: Vacancies | Mon – Fri 10–5 | 01859 520 258

Sùil air Ais air Griomsiadar (pàirt 1)

Sùil air Ais air Griomsiadar (pàirt 1)

Eilean:

le Torcuil MacRath

Làithean m’ òige

Chaidh mo bhreith air a’ chroit a tha seo. Rugadh mi ann an 1923, July 21, agus cha robh ministear againn an uair sin ann. ‘S ann ann an 1924 a thàinig Calum MacIomhair agus ‘s e Rose a bh’ ann ann an 1923, agus mar sin bha mise còrr air bliadhna mus deach mo bhaisteadh. Nise, chan eil daoine gabhail rium anns na rud a th’ agam, ach tha cuimhn’ agam a bhith air mo bhaisteadh. Cha robh mi ach beagan agus bliadhna. Cha robh ann ach aon rùm-sgoile mhòr ‘s e cho àrd. ‘S e meud an rùm a dh’fhuirich na mo chuimhne. Bha Calum MacIomhair, am ministear, Calum Beag, càirdeach dha m’ athair. Cha robh mòran airgid ann ach chan fhac’ e mi riamh nach tug e sia sgillinn dhomh. Bha na coinneamhan againn anns an taigh-sgoile oidhche Dhiardaoin gus na thog iad an taigh-coinneimh.

Nuair a chaidh mi dhan an sgoil bha trì deug thar fhichead innte. Nuair a thòisich mi a’ coiseachd timcheall, bha tòrr anns an fhuil agam ag iarraidh chun a’ chladaich. Bha iad a’ cumail a-mach an uair sin gu faigheadh iad bàthte mi.

Bha dà bhràthair agus triùir pheathraichean agam. Tha ‘n triùir pheathraichean beò fhathast agus bhàsaich am bràthair bu shine bh’ againn. ‘S ann an taigh a sheanar a chaidh a thogail.

Bha ‘n uair sin de dh’iasg timcheall air a’ chladach againn. Bha na sgadain a’ tighinn air tìr a h-uile h-Earrach. Bha iad cho làn àtha ‘s nach fhaigheadh iad air a dhol fodha ann. An aon dòigh leis na bradain – bha iad a’ tighinn a-nuas an abhainn, abhainn Beinn Thùrnabhaigh. Tha cuimhn’ agam a’ chiad bradan a fhuair mi anns an abhainn. Chunnaic mi e, cha robh mi ach naodh bliadhna. ‘S dè mar a gheibhinn e, cha robh fhios agam. Bha athair agus màthair Peigi Chailein a’ togail buntàta agus chuala mi esan ag èigheachd, “Dè th’ agad ann an sin, a Dhòmhnaill?” “Tha” arsa mise, “bradan.” “Na cuir dragh air – fuirich gu ruig mise.” Thàinig e leis a’ ghràp. Chuir e an gràp troimhe ‘s thog e ‘n aird e. Thug e às pìos agus bha am bradan cho mòr - cha robh mise ro mhòr, co-dhiù - ach bha an t-earball aige sguabadh an talamh a’ tighinn a-nuas dhachaigh, agus sin a’ chiad bradan a fhuair mise. ‘S iomadh h-aon a fhuair mi bhon uairsin air dòighean eile! Cha tèid sinn a-steach ann an sin an dràsta. Bha mhòine ri ar taobh air an lot agus, nuair a bha mi beag, gheibhinn a-mach thuice anns a’ chliabh, ach bhiodh a’ mhòine anns a’ chliabh a’ tighinn a-steach. Nuair a bhiodh sinn shìos rathad na mònadh, ‘s e each agus cairt a bh’ againn. Bhiodh sinn a dol a-mach anns a’ chairt agus a’ ruith dhachaigh gach turas airson faighinn dhan a’ chairt a-rithist.

Tagaichean

GD