NEW: Vacancies | Mon – Fri 10–5 | 01859 520 258

Sùil air Ais air Mànais (pàirt 3)

Sùil air Ais air Mànais (pàirt 3)

Eilean:

le Domhnall Dòmhnallach (Domhnall Shàm), Horgabost

A’ Fàgail Mhànais

Thàinig sinn chun a’ Mhachaire air an ochdamh latha fichead dhen Chèitean 1937. Tha cuimhn’ agam air mar an là an-dè. ‘S ann mu dhà bhliadhna roimhe sin a chaidh am Machaire a roinn an àird. Bha ochd fearainn ann a Horgabost agus fichead ann an Seilebost. Bha leithid ag iarraidh nam fearainn ‘s gun tàinig orra na h-àireamhan a chur ann an ad. Tharraing m’ athair blank agus ‘s e Dòmhnall Iain Mhurchaidh ann an Geocrab a fhuair am fearann-sa ach cha robh e còrdadh ris agus fhuair m’ athair e an uair sin.

Thàinig sinn an seo air làraidh a’ Chròicean, làraidh a bh’ aig an Department of Agriculture ann an Losgaintir agus dh’fhalbh sinn à Mànais. Bha mo sheanmhair innte, mi fhèin is m’ athair, mo mhàthair agus Sarah, agus thàinig sinn mu thimcheall na h-Uaimh Àirde. Nach robh Calum againn fhèin a’ dèanamh òran –

Bithidh cuimhn’ agam gum bàsaich mi
Am fuachd chaidh troimh mo chnàmhan-sa
Dol timcheall na h-Uaimh Àirde
Ann an cùlaibh làraidh Chròicean.

Chaidh Calum againn fhèin agus Calum bràthair m’ athar tron a’ bheinn le bò a bh’ againn. Chaidh iad a-mach aig Ceann an t-Sàile, tarsainn Bealach na Ciste, gus an tàinig iad ann an seo gu dìreach mu choinneamh far a bheil taigh Ted an-diugh.

Bha seanmhair Alasdair, Mairead Ros, agus a mhàthair, Beathag, bha iad romhainn. Bha iad romhainn, agus tì aca. Bha sinn a’ fuireach ann a hut – hutaichean a bh’ aig a h-uile duine riamh an uair sin. Cha robh feansa no càil an seo ach na craobhan, agus eòin a’ ceilearadh. ‘S e bha brèagha.

Bhitheadh sinn a’ dol air ais a Mhànais tron a’ bheinn uaireannan, agus gu dearbh bha cuid dha na seann daoine a’ togail am peinnsean ann.

Chaidh mi uair còmhla ri Aonghas bràthair mo mhàthar agus chaidh sinn sìos an Sgrìoba Ruadh agus nuair a bha sinn mu choinneamh Chuidhtinis ghabh sinn tarsainn gu taobh Mhànais. Tha e nas fhasa dhol ann mar sin. ‘S iomadh uair a chaidh mi dhan a’ mhuilinn a Gheocrab dha mo mhàthair tro Bhealach Creag an Eòin, dol a-mach far a bheil an Causeway an-diugh, dol sìos gu Taigh Alasdair Mhàrtainn.

Bha an cianalas garbh orra, agus ormsa. Ged a thàinig tòrr dhiubh a-nall, bha iad ag ionndrainn nan daoine agus an àite a dh’fhàg iad. Bha an t-iasgach math anns na Bàigh. Chuireadh mo mhàthair am buntàta air an teine, agus dheigheadh m’ athair a dh’iasgach nan cudaigean. Bhitheadh e a-staigh leis na cudaigean mus bitheadh am buntàta bruich. Cha dèanadh tu sin ann an seo idir.

Nach bitheadh Alasdair Fearghasdan, Bàrd Chliuthair, ag ràdh sin. ‘S ann à Seilebost a dh’fhalbh a shinn-seanairean.

Tagaichean

GD