Diluain - Dihaoine 10-5 | 01859 520 258

Sùil air Ais air Mànais (pàirt 2)

Sùil air Ais air Mànais (pàirt 2)

Eilean:

le Domhnall Dòmhnallach (Domhnall Shàm), Horgabost

Taighean

Ri linn mo sheanar bhitheadh an crodh a-staigh anns na taighean aca; bha piuthar mo sheanmhair ri taobh an taigh againn ‘s bha teine meadhan an làir aice. ‘S nuair a thogadh i e dh’fheumadh tu dhol a-mach nam bitheadh fèath ann, no bhitheadh a’ cheò ri dol air do shùilean. Chan eil taigh-tughaidh an-diugh anns na Hearadh, ach an fheadhainn a tha iad a’ togail as ùr! – ach chan eil mi smaoineachadh gum bi teine meadhan an làir an sin.

‘S e an taigh ùr a bh’ air taigh Ailig Aonghais ann an Mànais. ‘S e bean an Davidsonaich a thog e nuair a dh’fhalbh i às a’ Mhansa. Sin a’ chiad taigh-geal a bha shìos an taobh sin.

An ceann a bh’ air an taigh againn ann an Mànais, thug sinn a-nuas ann an seo e, agus bha e againn air a’ bhàthaich ann an siud shuas. Bha e cho math ‘s a bha e ‘n latha chaidh e an sàs an toiseach, tarragan-fiodha troimhe. Cha robh tarrag-iarainn idir ann.

Chunnaic mi siaman-fraoich gha dhèanamh. Tha fhios agam fhathast far am faighinn fraoch airson siaman. Chunnaic mi Ruairidh Dhòmhnaill ‘ic Ruairidh a’ dèanamh siaman-fraoich. Bhitheadh iad gha chur air an taigh ‘s air a’ bhàthaich, cumail an tughaidh air.

Bha connlach gha cleachdadh airson tughadh, am bun-dubh, agus fraoch cuideachd. ‘S ann air na bàthaichean a bhitheadh am fraoch.

Bha fuaran ann, fuaran Dhòmhnaill Ruairidh – fuaran a’ Ghugalaich a bh’ againn air agus bha fuaran a’ Phabain ann agus bha fear eile ann an Creag an Taghan shìos, air an fhearann air an robh Ailean, far an robh mo sheanair fhèin – ach bhitheadh iad sin, ‘air a bhitheadh tart mhòr ann as t-samhradh, a’ dol tioram, ach cha robh am fuaran a bh’ againne a’ dol tioram idir.

Bha mise dol a dh’iarraidh uisge gu ruige tobar Glaic an t-Seangaich. Tha e mach bho thaigh-sgoile Mhànais, mach dhan a’ bheinn. Bha sin ‘air a bha an t-uisge gann as t-samhradh. Bhitheadh iad a’ dol a-mach a Loch a’ Chlachain, ‘s a Loch Mhànais, ‘s dhan an abhainn. Cha robh rathad ann, bha e gu math doirbh.

‘S e Iain mac Phádraig à Beàrnaraigh a roinn na fearainn san Aird Bhig agus anns an Aird Mhòir ann am Mànais oir chionn ‘s nach robh iad air an roinnt ceart mu thràth. Bha an cladach air a roinn airson na feanad san aon dòigh ris an talamh. Cha robh gu leòr feamainn anns na Bàigh a dhéanadh an gnothaich dha na daoine agus dh’fheumadh iad dhol a-mach dhan Bhràighe Mhòr, ‘s na h-eileanan a tha muigh an sin, a ghearradh langadal. Bha e doirbh a’ toirt suas na feamad; bha e cho cas, seachd àraid ceann thall Mànais, suas an Creagan ann an sin.

Tagaichean

GD