NEW: Vacancies | Mon – Fri 10–5 | 01859 520 258

Sùil air Ais air Cuidhtinis (pàirt 3)

Sùil air Ais air Cuidhtinis (pàirt 3)

Eilean:

le Niall MacCumhais (Niall ‘ain Shaighdeir), Horgabost

Donnchadh Bàn Tàillear

Bhiodh Donnchadh Bàn Tàillear, à Sruth Mòr, e fhèin agus a’ bhean, bhiodh iad a’ gabhail an leabhair mun deigheadh iad dhan an leabaidh. ‘S dòcha gun teirigeadh am paireafain, agus nuair a dheigheadh an solas às chanadh am bodach ris a’ chailleach, “Tionndaidh fàd eile anns an teine airson mionaid bheag.” ‘S thionndaidheadh i fàd anns an teine agus bhlazeadh e ‘n àird’ agus bha iad an uair sin a’ seinn salm eile.

Bha Donnchadh Bàn na thàillear agus bhiodh e dol chun nan Lochan ann an Leòdhas. Bha leannan aige ann am Marabhaig, Ciorstaidh Alasdair, agus rinn e cridhe beag fiodha dhi a bhiodh mu h-amhaich. Thàinig am breac air agus bha e ùine gun a faicinn, agus cha b’ urrainn dha sgrìobhadh. Dh’fhàs e feusag mhòr airson falach na làraich air aghaidh, ach mu dheireadh chaidh e suas a Leòdhas. Nuair a ruig e Marabhaig cha robh duine timcheall ach aon chailleach, agus thuirt i ris gu robh càch aig rèiteach Chiorstaidh Alasdair. Bha Ciorstaidh dhen bheachd gun do dhìochuimhnich Donnchadh i agus bha i dol a phòsadh fear eile.

Chaidh Donnchadh chun an rèitich agus cha do dh’aithnich duin’ e. Chaidh iarraidh air òran a ghabhail agus sheinn e nach robh fios aige càit an robh cridhe Chiorstaidh ach gun robh ‘n cridh’ aigesan mu h-amhaich. Am fear a bha dol ga pòsadh, chath e ‘m pìos sgona a bh’ aige, agus ‘s e Donnchadh Bàn a dh’ith e! Phòs Ciorstaidh Donnchadh agus thàinig iad a dh’fhuireach ann a Sruth Mòr.

Tagaichean

GD