-
Sùil air Ais an Ath Mhòr (pàirt 2)
’S e obair fearainn a bheòshlainte bh’ aig croitearan na h-Ath Mòire. Bhitheamaid nar cloinn gan cuideachadh a’ coimhead às dèidh nam beathaichean, a’ bleoghainn, a' cartadh na bàthcha, a’ dol a-mach gu cùl na beinne a dh’iarraidh nam beathaichean as t-samhradh, obair an fhoghair, togail a' bhuntàta.
-
Sùil air Ais an Ath Mhòr (pàirt 1)
’S e pàirt dhen tac aig Orasaigh a bh’ anns an Ath Mhòir. Bha e aig grunn dhaoine uaireigin. Nuair a ghabhadh thairis e mar phàirt dhen tac, chaidh mòran dhe na daoine fhuadach. Chaidh an t-àite fo chaoraich.
-
Sùil air Ais air Griomsiadar (pàirt 2)
Nuair a dh’fhàs mi na b’ aosda, bhiodh sinn a’ dol a dh’iasgach na h-adaig le eathar bheag. Bha eathar mhòr aig m’ uncle, bha ceithir ràimh againn oirre, ‘s bhiodh sinn a’ dol a-mach le na ceithir ràimh ‘s duin’ air an stiùir. Bha mise an uair sin cho òg - cha robh mi ach mu cheithir bliadhna deug.
-
Sùil air Ais air Griomsiadar (pàirt 1)
Chaidh mo bhreith air a’ chroit a tha seo. Rugadh mi ann an 1923, July 21, agus cha robh ministear againn an uair sin ann. ‘S ann ann an 1924 a thàinig Calum MacIomhair agus ‘s e Rose a bh’ ann ann an 1923, agus mar sin bha mise còrr air bliadhna mus deach mo bhaisteadh.
-
Sùil air Ais air Tolastadh (pàirt 3)
’S ann à Tolstadh a bha an dùin’ agam. Bha e seòladh aig a New Zealand Shipping Company. Bha e air falbh fada. Rugadh a nighean againn anns a’ Mhàrt agus chan fhaca a h-athair a-rithist i gun an t-Samhain. Bha e duilich agus goirid as dèidh sin dh’fhalbh e agus chaidh a ghoirteachadh – thuit e dhan toll. Cha do rinn e an còir obair.
-
Sùil air Ais air Tolastadh (pàirt 2)
Bha eathraichean aca ann a seo fhèin, dol a-mach le lìon beag ach bha bàtaichean aca ann a Steòrnabhagh. Bha bàta aig m’ athair, tè air an robh an Dove agus tè air an robh an Clan MacLeod agus bhiodh balaich às a Rubha nan còcairean aca – nan cuibhlairean – balaich Aonghais Man agus balaich Chaluim a’ Rùide à Pabail.
-
Sùil air Ais air Tolastadh (pàirt 1)
Bha dà thidsear againn, tè air an robh Màiri Sine Nic A’ Ghobhainn à Tolm, agus Magaidh Màiri NicLeòid. ’S ann à Ùig a bha am maighstir-sgoile, fear Mac ’Ill Leathainn. Bha tidsear againn às an Rubha – bha i pòsta aig Ailean Camshron. Cha bhruidhneadh iad Gàidhlig ruinn agus cha robh Beurla againne air a chaidh sinn dhan a sgoil ann.
-
Sùil air Ais air Mànais (pàirt 3)
Thàinig sinn chun a’ Mhachaire air an ochdamh latha fichead dhen Chèitean 1937. Tha cuimhn’ agam air mar an là an-dè. ‘S ann mu dhà bhliadhna roimhe sin a chaidh am Machaire a roinn an àird. Bha ochd fearainn ann a Horgabost agus fichead ann an Seilebost.
-
Sùil air Ais air Mànais (pàirt 2)
Ri linn mo sheanar bhitheadh an crodh a-staigh anns na taighean aca; bha piuthar mo sheanmhair ri taobh an taigh againn ‘s bha teine meadhan an làir aice. ‘S nuair a thogadh i e dh’fheumadh tu dhol a-mach nam bitheadh fèath ann, no bhitheadh a’ cheò ri dol air do shùilean.
-
Sùil air Ais air Mànais (pàirt 1)
An t-astar a b’ fhaide chaidh mise riamh, ‘a ann an latha chrùnadh an rìgh, air an dàrna latha deug dhan a’ Chèitean, 1937. Thàinig sinn, sgoilearan Mhànais, gu tràigh Sgarastaigh, agus ‘s e sin a’ chiad gainmheach a chunnaic mi riamh.
-
Sùil air Ais air Cuidhtinis (pàirt 3)
Bhiodh Donnchadh Bàn Tàillear, à Sruth Mòr, e fhèin agus a’ bhean, bhiodh iad a’ gabhail an leabhair mun deigheadh iad dhan an leabaidh. ‘S dòcha gun teirigeadh am paireafain, agus nuair a dheigheadh an solas às chanadh am bodach ris a’ chailleach, “Tionndaidh fàd eile anns an teine airson mionaid bheag.” ‘S thionndaidheadh i fàd anns an teine agus bhlazeadh e ‘n àird’ agus bha iad an uair sin a’ seinn salm eile.
-
Sùil air Ais air Cuidhtinis (pàirt 2)
Nuair a thigeadh tu gu ceann an rathaid ann an Cuidhtinis bha spòg a’ dol a-null gu taigh Raghnaill. Sin agadsa far as na dh’fhalbh muinntir Poll Garbhadh, a-null os cionn na mara. Bha thu tionndadh gu do làmh cheàrr agus bha taigh mòr ann a shin, taigh mòr fada le dà theaghlach ann, Aonghas Beag Dhòmhnaill agus Aonghas Mòr Dhòmhnaill. Aonghas Beag, chaidh e Bhàgh a’ Chaise ‘s bha e pòsd’ ann a shin aig Raonaid Mhurchaidh Bhig. Thàinig Aonghas Mòr a Phàirc an t-Srath nuair a bhàsaich athair.
-
Sùil air Ais air Cuidhtinis (pàirt 1)
Bha taigh Chaluim Sheumais fada bhon rathad mhòr ann an Cnoc Èisgean, agus aig an àm a bha sinn a’ faicinn an t-solais ann, cha robh ann ach ceum sìos tron bhaile. ‘S ann an 1939 a chaidh an rathad sìos ann. Bha mise ag obair air rathad Chaluim Sheumais, sixpence halfpenny an hour. ‘S ann uair ‘sa cheala-deug a bha thu gha fhaighinn agus bha e coimhead uamhasach mòr!


