Your cart is currently empty!
DiL – DiH 10–5
Cuir fios


Rugadh Bill Lawson ann an Sruighlea agus chaidh àrach ann an Inbhir Àir far an deach e dhan sgoil, ann an Àrd Sgoil Phreastabhaig agus an uair sin ann an Acadamaidh Inbhir Àir. Cheumnaich e ann an Lagh bho Oilthigh Ghlaschu, agus thug e mach dreuchd mar suirbhidhear aig an aon àm. Airson ochd bliadhna deug bha e ri teagasg Lagh ann an Colaisde Phàislig. Fad na h-ùine sin bha e ri cur seachad a làithean saora anns na Hearadh agus ’s ann an uair sin a thòisich e ri gabhail ùidh ann an sloinntearachd.
Ann an 1981 fhuair e obair os cionn an IDP, prògram leasachaidh Eòrpach airson an h-Eileanan an Iar. Thug seo dha cothrom gluasad dha na h-Eileanan agus an uair a chrìochnaich am prògram, ghabh e a-nall an Taigh-sgoile anns An Taobh Tuath anns Na Hearadh, agus rinn e leasachadh mòr air an togalach anns an robh an Taigh-sgoile agus an Sgoil uaireigin.
Bha e mothachail gun robh na seann daoine, aig an robh na sloinnidhean air an teanga, ri bàsachadh, agus thòisich e ri cruinneachadh sloinnidhean bhuapa agus a’ cur an fhiosrachaidh ris na clàran a bha air an cumail ann an Dùn Èideann. Leudaich an obair gu Ceann a Tuath Ameireagaidh agus a dh’Astràilia. Dh’ionnsaich e a’ Ghàidhlig – nì a bha gu math cudromach airson an obair a bha e a’ dèanamh a’ cruinneachadh eachdraidh theaghlaichean.
Anns an t-seann taigh-sgoile thòisich e an companaidh ‘Cò Leis Thu?’, agus airson dà bhliadhna deug bha e fhèin agus a bhean nach maireann, Chris, a’ ruith a’ chompanaidh rannsachaidh. Chuir e cuideachd seachad ùine air Coimisean nan Croitearan.
Tha an gnìomhachas seo a-nis air a ruith le Urras Dualchais an Taobh Tuath, a tha stèidhichte ann an Ionad-tadhail Hebrides People anns an Taobh Tuath anns na Hearadh. Seach gu bheil Bill na chomhairliche don Urras, tha e a’ toirt cothrom dha leantainn air le rannsachadh ùr ann an sgìrean eilthireachd Chanada agus Astràilia agus tha e cuideachd ri toirt cothrom dha sgrìobhadh agus clò-bhualadh bho dhachaigh fhèin anns an Taigh-sgoile.