Your cart is currently empty!
DiL – DiH 10–5
Cuir fios


Tha goireas sloinntearachd Hebrides People, ‘Cò Leis Thu?’, stèidhichte air còrr is trì-fichead bliadhna de rannsachadh a rinn Bill Lawson, aig a bheil sàr-eòlas air sloinntearachd nan Eilean Siar.
Chuir Bill Lawson air dòigh an companaidh ‘Cò Leis Thu?’ còmhla ris a bhean Chris ann an 1988, agus dh’fhosgail iad Ionad-tadhail Seallam! (a-nis Ionad-tadhail Hebrides People) ann an 2000.
Tha Hebrides People a-nis ann an làmhan Urras Dualchais an Taobh Tuath, comann buannachd coimhearsnachd le inbhe carthannais.
An uair a bha Bill Lawson ri cruinneachadh fiosrachadh air teaghlaichean nan Eileanan Siar, bha aige ri siostam math fhaighinn airson a chuir air paipear, a bhiodh furasta a leantainn. Bha cuideachd ceist ann air ciamar a bha e dol a dhèanamh eadar-dhealachadh eadar uiread de dhaoine leis an aon ainm. Thuig e gum feumadh e fiosrachadh a chruinneachadh air a h-uile teaghlach anns na h-Eileanan Siar, agus an uair sin an clàradh ann an riochd chraobhan-teaghlaich. Faigh barrachd a-mach mu Bill an-seo.
Tha Ionad-tadhail Hebrides People anns an Taobh Tuath le taisbeanaidhean agus bùth leabhraichean agus thiodhlacan. Tha e na dhachaigh airson stòras ‘Co Leis Thu?’ agus tha triùir neach-obrach an-dràsda. Barrachd fiosrachaidh.
Tha planaichean inntinneach againn airson na bliadhnaichean a tha air adhart. As dèidh soirbheachadh le iarrtas gu Stòras Fearainn na h-Alba, ceannaichidh a’ choimhearsnachd an talamh mu thimcheall an ionad-tadhail agus an t-Seann Taigh-sgoile far am bheil Bill Lawson a’ fuireach. Bidh taisbeanaidhean ùra ann agus cafaidh air a bheil deagh fheum.
Tha an rannsachadh, a tha air fad suidhichte ann an Ionad-tadhail Hebrides People agus anns an t-Seann Taigh-sgoile, stèidhichte air an dà-chuid clàran-sgrìobhte agus air beul-aithris.
Cha b’ ann ach gu math truagh a bha clàran-sgrìobhte anns na h-Eileanan Siar ro 1855, agus mar sin cha ghabh fiach a chuir air cho feumail ‘s a tha beil-aithris an tac ri fianais-sgrìobhte a tha neo-iomlan agus neo-chunbhalach.
Chruinnich Bill Lawson beul-aithris mu theaghlaichean nan Eilean Siar, a bha gu math làidir suas chun an ùine bhig a dh’fhalbh, thar còrr is trì-fichead bliadhna de rannsachadh. Barrachd fiosrachaidh.