Your cart is currently empty!
DiL – DiH 10–5
Cuir fios
Bruidhinn ri do chà irdean agus cruthaich craobh-teaghlaich. Bu chòir dhut feuchainn ris an teaghlach a thoirt air ais gu toiseach an fhicheadamh linn, nuair a tha e comasach dhut coimhead ri na clà ran oifigeil. Ma tha fios agad cà it an robh do shinnsearachd a’ fuireach, seall ri na cunntasan-sluaigh, agus gheibh thu iad bho 1841 gu 1921.
Ma tha fios agad cuin a bha tachartas ann a bhuineas dha do theaghlach, tha e comasach dhut sealltainn ri leth-bhreac de na clà ran air an eadar-lìon a’ dol air ais gu 1855 aig ScotlandsPeople, là rach-lìn oifigeil Riaghaltas na h-Alba airson clà ran agus tasglainn.
Ro 1855, ’s dòcha gum faigh thu fiosrachadh anns na Seann Chlà ran Eaglais, no OPR (Old Parochial Registers), no ann an clà ran na h-Eaglaise Chaitligich. Anns na h-Eileanan Siar bha iad fada gun tòiseachadh a’ clà radh, agus an uair a thòisich iad bha tòrr thachartasan nach deach a chlà radh idir.
Faodaidh tu beul aithris a chleachdadh, ann an riochd sgeulachdan anns an teaghlach agad, agus cuideachd ainmean teaghlaich, airson dearbhadh, no cuir an aghaidh, cuid de na tha anns na clà ran. Tha am fiosrachadh air an là rach-lìn seo air a chur ri chèile bho rannsachadh a tha Bill Lawson air a bhith a’ dèanamh cha mhòr fad a bheatha.
Tha toraidhean an stòr-dà ta airson Hiort air fad an asgaidh, le taing dhan a’ Mhaoin-Dualchais. Thoir sùil air tasglann Hiort airson faicinn mar a tha an stòr-dà ta ag obair!