-

Sùil air Ais air Griomsiadar (pàirt 1)
Chaidh mo bhreith air a’ chroit a tha seo. Rugadh mi ann an 1923, July 21, agus cha robh ministear againn an uair sin ann. ‘S ann ann an 1924 a thàinig Calum MacIomhair agus ‘s e Rose a bh’ ann ann an 1923, agus mar sin bha mise còrr air bliadhna mus deach mo bhaisteadh.
-

Sùil air Ais air Tolastadh (pàirt 3)
’S ann à Tolstadh a bha an dùin’ agam. Bha e seòladh aig a New Zealand Shipping Company. Bha e air falbh fada. Rugadh a nighean againn anns a’ Mhàrt agus chan fhaca a h-athair a-rithist i gun an t-Samhain. Bha e duilich agus goirid as dèidh sin dh’fhalbh e agus chaidh a ghoirteachadh – thuit e dhan toll. Cha do rinn e an còir obair.
-

Sùil air Ais air Tolastadh (pàirt 2)
Bha eathraichean aca ann a seo fhèin, dol a-mach le lìon beag ach bha bàtaichean aca ann a Steòrnabhagh. Bha bàta aig m’ athair, tè air an robh an Dove agus tè air an robh an Clan MacLeod agus bhiodh balaich às a Rubha nan còcairean aca – nan cuibhlairean – balaich Aonghais Man agus balaich Chaluim a’ Rùide à Pabail.
-

Sùil air Ais air Tolastadh (pàirt 1)
Bha dà thidsear againn, tè air an robh Màiri Sine Nic A’ Ghobhainn à Tolm, agus Magaidh Màiri NicLeòid. ’S ann à Ùig a bha am maighstir-sgoile, fear Mac ’Ill Leathainn. Bha tidsear againn às an Rubha – bha i pòsta aig Ailean Camshron. Cha bhruidhneadh iad Gàidhlig ruinn agus cha robh Beurla againne air a chaidh sinn dhan a sgoil ann.
-

Sùil air Ais air Mànais (pàirt 3)
Thàinig sinn chun a’ Mhachaire air an ochdamh latha fichead dhen Chèitean 1937. Tha cuimhn’ agam air mar an là an-dè. ‘S ann mu dhà bhliadhna roimhe sin a chaidh am Machaire a roinn an àird. Bha ochd fearainn ann a Horgabost agus fichead ann an Seilebost.



