All donations will go towards the running of Hebrides People so that we can preserve the genealogical history of the Outer Hebrides from Lewis to Barra.
Tha na h-Eileanan Siar am measg feadhainn de na h-à iteachan as brèagha ann an Alba, ach air sà illeabh buaidhean na h-aimsir, na h-à rainneachd agus cuideachd air sà illeabh droch-là imhseachadh bho dhaoine ann an cumhachd, bha beatha chruaidh gu math tric aig muinntir nan eilean, agus thar na linntean tha na mìltean de dhaoine air na h-eileanan fhà gail airson beatha nas fheà rr a lorg.
‘S ann mu thimcheall chladaichean Rubh’ an Teampaill anns an Taobh Tuath a tha ri lorg fear de na h-à iteachan as trà ithe san robh daoine a’ fuireach anns na h-eileanan. Ann an 2001, lorg à rc-eòlaichean sligean chnothan-challtainn loisgte fon talamh bho 7,000 bliadhna RC, a’ ciallachadh gun robh daoine a’ ròstadh chnothan ann bho chionn còrr is 9,000 bliadhna!
Tha toraidhean an stòr-dà ta airson Hiort air fad an asgaidh, le taing dhan a’ Mhaoin-Dualchais. Thoir sùil air tasglann Hiort airson faicinn mar a tha an stòr-dà ta ag obair!
Tha na h-earrannan seo air an toirt bho leabhraichean Eachdraidh nan Croitean le aig Bill Lawson. Tha còrr is trì-fichead dhiubh ann a-nis, agus tha iad ri am faighinn anns a bhùth againn. Tuilleadh
Tha eachdraidh dhaoine anns na h-Eileanan Siar a’ tòiseachadh an uair a leagh na siotaichean-deighe, agus a thà inig a’ chiad daoine, aig à m ris an canar Meadhan-linn na Cloiche... Tuilleadh
In using any written sources, it is essential to bear in mind that the people of the islands were overwhelmingly Gaelic speaking. These records were … Tuilleadh